Bidh CnaG a' cumail taic ri buidhnean Sradagan ann an dìofar dhòighean. Tha sinn a' tuigsinn nach eil e furasta luchd-stiùiridh a lorg no a chumail. Gus seo a dhèanamh beagan nas fhasa, tha sinn air stiùireadh agus planaichean a chruthachadh do luchd-stiùiridh. Cleachd am fiosrachadh a leanas agus leig fios thugainn ma tha taic a bharrachd a dhìth.
Tha sinn air planaichean agus stiùireadh ullachadh airson gach seisean Sradagan. Tha geamanan ann, stiùireadh air uidheamachd agus dè cho fada 's a bu chòir gach gnìomh a bhith. The e mionaideach. Cuideachd, tha planaichean ann airson na ràithe.
Mar sin, tha stiùireadh an seo a chumas gach buidheann Sradagan a' dol fad mìosan. Seall air na faidhlichean air an làimh dheas>>>>
Feumaidh bun-stèidhe le comataidh agus oifigearan a bhith aig gach buidheann. Ann an cuid de shuidheachaidhean bidh buidheann eile a' gabhail dleastanas airson Sradagan ach tha e riatanach gu bheil an aon fhiosrachadh againn.
Bu chòir do gach buidheann am fiosrachadh a thoirt dhuinn gus àrachas, taic le sgeama PVG (dìon-chloinne) agus taic-airgid fhaighinn bhuainn. Seo am fiosrachadh a tha dhìth oirnn;
Tha seo a dhìth oirnn airson àrachas a thoirt do bhuidhnean. Tha e cudromach gu bheil ainmean againn airson gach oifigear le cuideigin air ainmeachadh mar "neach dìon-chloinne". Thoir sùil air am foirm air an duilleag seo. Chan eil e doiribh a lìonadh agus till thugainn e aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.
Cleachd seo airson fiosrachadh a chumail rinn air gach paiste a bhios a' dol gu Sradagan. Feumar foirm a chur thugainn airson gach pàiste.
Tha cuid de bhuidhnean nan cathranasan. Faodaidh sinn taic a thoirt dhuibh le OSCR ma tha e a dhìth.
Tha seo a dhìth oirnn airson gach pàiste a bhios a' tighinn dhan buidheann. Feumar am foirm a chur thugainn gach bliadhna sgoile. Cumaidh sinn stòrdata leis an fhiosrachadh seo.
Bidh sinn a' toirt £450 do bhuidhnean airson luchd-stiùiridh a phàigheadh. Gus seo fhaighinn, feumaidh am fiosrachadh gu h-àrd a bhith againn.
Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fòn thugainn air 01463-234138