Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


11mh den Fhaoilleach 2008

Tha leasachadh na Gàidhlig air ceum eile a ghabhail air adhart agus Mapa Gàidhlig a’ Ghearasdain air fhoillseachadh le Comunn na Gàidhlig. Le teacsa ann an Gàidhlig ’s Beurla, bidh am mapa na ghoireas an dà chuid do mhuinntir an àite ’s luchd-tadhail. A bharrachd air sin, chaidh am mapa a chlò-bhualadh ann an cruth bileag ’s postair do sgoiltean anns a’ choimhearsnachd.

Gheibhear faidhlichean-fuim an seo

Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, “Tha CnaG air leth toilichte am mapa seo fhoillseachadh. Tha am mapa dìreach mar aon de na leasachaidhean Gàidhlig sa Ghearasdan agus na chomharra air an adhartas a chaidh a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean. Tha sinn ag obair air iomairtean eile sa bhaile agus aig an àm seo tha sinn a’ dèanamh oidhirp fiosrachadh a thoirt do phàrantan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha cothroman a bharrachd rim faighinn le Gàidhlig agus gu sònraichte foghlam. Mholainn gum beachdachadh gach pàrant air foghlam Gàidhlig dhan chuid chloinne agus tha sinn glè dheònach taic a thoirt aig gach ceum”

Mar phàirt den iomairt seo, tha CnaG a’ foillseachadh a’ mhapa agus a’ sanasachd leasachaidhean Gàidhlig sa Ghearasdan aig taisbeanadh. Tha an taisbeanadh fosgailte do dhuine sam bith ’s a’ gabhail àite Diardaoin, 17 Am Faoilleach aig Seòmraichean na Comhairle, Taigh Loch Abair aig 1900.

Tha CnaG cuideachd air faidhlichean-fuaim a chur air-loidhne far an cluinnear na h-ainmean Gàidhlig. Bidh seo na chuideachadh mhòr do dhaoine aig nach eil an cànan agus le barrachd soighnichean-sràide gan cur suas, tha e cudromach gu bheil a’ choimhearsnachd a’ faighinn cothrom-ionnsachaidh aig gach ceum.

Chaidh rannsachadh a dhèanamh air ainmean-sràide a’ Ghearasdain a rèir prionnsabalan a chaidh a stèidheachadh le Ainmean-Àite na h-Alba agus thèid na h-ainmean seo a chleachdadh gu h-oifigeil air soighnichean a’ bhaile.

Thèid am mapa a sgaoileadh gu taighean-òsta, bùthan, sgoiltean ’s goireasan poblach ach faodar fhaighinn bho Chomunn na Gàidhlig cuideachd.

Fhuair am pròiseact seo taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt Loch Abair.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach