Chaidh Comunn na Gàidhlig (CnaG) a stèidheachadh le taic bho Oifis na h-Alba ann an 1984 gus leasachadh na Gàidhlig a cho-òrdanachach. Tha a' bhuidheann ag obair aig ìrean ionadail, roinneil agus nàiseanta.  

'S e Companaidh Earranta le inbhe charthannais a th' ann an CnaG. Tha na leanas air an riochdachadh air a' Bhòrd Stiùiridh:

  • Coinneach MacÌomhair, Cathraiche
  • Calum Duncan, Iar-chathraiche
  • Comhairliche Alasdair MacLeòid, Comhairle nan Eilean Siar
  • Catriona Mhoireach
  • Ciorstaidh NicDhòmhnaill
  • Laura NicIllinnein

Tha uallach agus coilionadh poileasaidh bho latha gu latha an urra ris a' Cheannard, a tha cuideachd na Rùnaire dhan Chompanaidh. 'S e Dòmhnall MacNèill Ceannard a' Chompanaidh agus tha e stèidhichte ann an Inbhir Nis.