Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Thadhail buidheann òigridh à Ògras an Chaistil air Ìle 17 Ògmhios. Ràinig iad ann am Port Ilein à Baile a' Chaisteil 's iad airson deireadh-sheachdain de spòrs agus cultar. Cha robh a' mhuir cho ciùin idir ach rinn iad an gnothach 's fhuair iad fàilte chridheil aig Ostail Òigridh Phort Sgioba.


Chruinnich a' bhuidheann le òigridh Ìle airson geama iomainn a chluich aig a' Phort Mhòr. Madainn Disathairne bha turas ann gu Fionn Lagain far an tug Dòmhnall MacPhaidein beagan fiosrachaidh 's eachdraidh dhaibh ann an deagh Ghàidhlig Ìleach. Chòrd seo ris a h-uile duine agus bha spòrs ann a bhith cluich anns na tobhtaichean.

Às dèidh sin, chaidh iad dhan sgìre ghlèidhteachais aig an RSPB aig Gruinneart far an do chuir Eoin MacIlleDhuinn fàilte bhlàth orra le BBQ às leth Comann nam Pàrant Ìle.

Chòrd an dà latha ris a h-uile duine agus thathar ag amas air turas a Bhaile a' Chaisteil nas fhaide air adhart am bliadhana. Tha e math cairdeas ùr a thogail!

Fhuair an turas seo taic bho Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhiùra agus Comann nam Pàrant le taic-airgid bho Cholmcille agus Bòrd na Gàidhlig. Taing mhòr dhaibhsan a chuir taic ris an tachartas gu sònraichte Naill Oliver agus Port Mòr airson an raon cluiche aca. Tuilleadh fiosrachaidh bho Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn..

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach