Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

5mh Samhain 2008

26 Iuchar do 1 Lùnastal 2009

Às dèidh tachartas gu math soirbheachail an-uiridh tha Comunn na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant a’ cur air bhonn seachdain Gàidhlig a-rithist ann an Leòdhas airson teaghlaichean le clann ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e aithnichte a-nis gu bheil ath-stèidheachadh na Gàidhlig mar ‘cainnt màthaireil’ agus cleachdadh na Gàidhlig anns an dachaigh agus anns an teaghlach deatamach do ath-bheothachadh na cànain agus cuiridh an t-seachdain seo ris an taic a tha ri fhaighinn mar thà do phàrantan a tha airson barrachd Gàidhlig a chleachdadh anns na dachaighean aca.

Bidh na h-inbhich aig clasaichean Gàidhlig gach latha fhads a tha a’ chlann aig an Fhèis ann an Steòrnabhagh.

Chan urrainn dhuinn na taighean a tha sinn air a bhith a’ cleachdadh fhaighinn am bliadhna agus mar sin tha sinn dha fhàgail aig pàrantan an t-àite-fuirich aca fhèin a lorg agus pàighidh sinne 50% de na cosgaisean suas gu £250. Gheibh sibh fiosrachadh air làrach-lìn Visit Scotland air àiteachan-fuirich timcheall Steòrnabhagh agus cuideachd tha sinn a’ moladh am Pàirc Carabhan ann an Lacasdail.

Feumaidh compàirtichean am biadh agus an cuid siubhail a phàigheadh.

Ma tha sibh ag iarraidh àite air an t-seachdain neo barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu Magaidh Wentworth air 01463 234138 neo Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach