Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


26mh Sultain 2008

’S e bliadhna shoirbheachail da-rireabh a th’air a bhith ann dhan bhuidhinn leasachaidh Comunn na Gàidhlig (CnaG), aig àm eachdraidheil dhan chànan. Agus tha sin a’ fàgail CnaG ann an suidheachadh le Bòrd ùr agus luchd-obrach ùr a’ coimhead air adhart ri leasachaidhean inntinneach agus ùr-ghnàthaichte as leth na Gàidhlig.

Anns an Aithisg Bhliadhnail aig CnaG airson Giblean 2007 - Màrt 2008 a chaidh fhoillseachadh an diugh, 25 Sultain, tha Domhnall Dòmhnallach, Cathraiche ChnaG a’ dèanamh iomradh air na rinneadh an uiridh agus ag ràdh, “Se bliadhna shoirbheachail a bh’ann, ach tha e follaiseach gu bheil mòran fhathast ri dhèanamh aig ìre coimhearsnachd gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd labhairt na Gàidhlig a faighinn barrachd cothrom a chànan a chleachdadh anns a h-uile suidheachadh.”

Tha Mgr Dòmhnallach a’ cur fàilte air na rinneadh thar na bliadhna airson na co-bhanntachd ùr, eadar am BBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a chaidh a steidheachadh airson an Sianal ùr Dhidseatach a thoirt gu buil. Agus tha Ceannard ChnaG, Eairdsidh MacIlleathain, air taic ChnaG a chur ris an iomairt airson an t-sianal ùr fhaicinn air Freeview. Anns an Aithisg Bhliadhnail tha e ag ràdh, “Tha CnaG gu mòr dhen bheachd gum bu choir an Sianal ùr fhaighinn air Freeview agus bha sinn a’ coiteachadh gum biodh ionmhas iomchaidh aig a’ cho-bhanntachd airson an Sianal a steidheachadh sa chiad dol a-mach agus leudachadh . Tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air na bha an sàs ann a bhith a’ toirt cùisean gu buil.”

Tha an Aithisg Bhliadhnail a’ mìneachadh mar a rinneadh ann an diofar raointean thairis air a’ bhliadhna ionmhais: Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, Rannsachaidh anns a’ Chuimrigh, Sgeamaichean Oileanaich agus Farpaisean Deasbaid is Òraid.

A’ foillseachadh na h-Aithisg Bhliadhnail, thuirt Mgr Dòmhnallach, “Tha e na adhbhar misneachd dhuinn gu bheil a’ roinn phrìobhaideach a’ sealltainn ùidh ann a bhith a’ toirt taic do phròiseactan Gàidhlig. Tha BT Alba air leantainn a’ toirt taic maoineachaidh mu choinneimh Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean. Tha Scottish Widows a cur taic ri Sgeama Iomairt Òigridh ann an Gàidhlig airson sgoilearan àrd-sgoil agus thug iad taic ionmhais gus Lios Ghàidhlig a thogail aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha cuideachd CalMac a’ cur taic ris an sgeama, Gàidhlig air a’ Bhàta. Tha na buidhnean sin nan deagh shamhla is eisimpleirean do bhuidhnean eile a dh’fhaodadh barrachd a dhèanamh.”

Agus lean Mgr Dòmhnallach mar seo, “Tha sinn taingeil airson an taic a fhuair sinn bho na buidhnean maoineachaidh, gu h-àraidh Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig agus cuideachd ùghdarrasan agus buidhnean iomairt ionadail. Tha sinn mothachail gu bheil feadhainn de na buidhnean sin fhèin air atharrachaidhean mòra fhaicinn anns a’ bhliadhna a chaidh seachad agus tha sinn toilichte gu bheil iad fhathast airson a bhith ag obair còmhla ruinn.”

Chaidh an Aithisg Bhliadhnail aig Comunn na Gàidhlig fhoillseachadh air 25 Sultain 2008 aig a’ Choinneamh Bhliadhnail aca an Aros, Port Righ agus tha i ri faighinn aig, Comunn na Gàidhlig, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ agus an seo.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach