Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


9 Dàmhair 2008

Comunn na Gàidhlig a’ cumail taic ri iomain na h-Alba

D’fhoillsich a’ bhuidheann leasachaidh Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, an diugh gu bheil iad a-rithist gu bhith a’ cumail taic ri luchd-camanachd na h-Alba anns na geamanan eadar-nàiseanta le Eirinn air an ath sheachdain.

Tha a’ phrìomh sgioba eadar-nàiseanta a’ coinneachadh ri Eirinn ann an Cill Chainnigh DiSathairne, 18 Dàmhair, agus tha na sgiobaidhean fo aois 21 a’ coinneachadh an Daru ann an Co Laois air an aon latha.

Anns an dà gheam anns am bi na fireannaich a’ cluich, bidh strì mhòr eadar na cluicheadairean feuch cò ghlèidheas buinn airgid sònraichte an t-sàr-chluicheadair, a tha a’ dol chun chluicheadair as fheàrr anns gach gèam. Chaidh na buinn airgid a thoirt seachad son a’ chiad turas le Comunn na Gàidhlig ann an 1992 nuair a chaidh e chun chluichdeadair Èireannach Barry Egan à Corcaigh aig Pàirc a’ Bhught ann an Inbhir Nis.

Thuirt Eairdsaidh MacIlleathain, Àrd Oifigeir Chomunn na Gàidhlig: “Tha CnaG air leth toilichte a bhith a’ cur ris an oidhirp a tha Alba a’ dèanamh anns na gèamaichean Eadar-nàiseanta agus tha sinn an dòchas gun soirbhich na trì sgiobaidhean nan oidhirpean na duaisean a thoirt air ais dhachaigh. Tha e air leth cudromach do dh’obair Chomunn na Gàidhlig gu bheil sinn an-sàs ann an leasachaidhean coimhearsnachd tro spòrs, agus gu sònraichte spòrs a bhoinneas do dhualchas na Gàidhlig. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri saoghal ùr far am bi sinn, tha sinn an dòchas, a’ faicinn gu leòr a bharrachd de chamanachd air an t-sianal ùr Gàidhlig BBC ALBA. Tha e cuideachd cudromach gum bi sinn ag obair gu dlùth còmhla ri Buidheann Riaghlaidh na Camanachd, agus iad fhèin cho cudromach anns na coimhearsnachdan againn, agus cuideachd Cumann Luthchleas Gael (GAA) ann an Eirinn.  Seo prìomh àrd-ìre cluiche na h-iomain agus tha na gèamanan seo gar misneachadh ann a bhith a’ togail air ceanglan le Èirinn tro spòrs aig gach ìre, tro leasachaidhean sgoile agus coimhearsnachd, agus cuideachd innleachdan foirmeil leithid Colmcille. ’Se coluadar agus co-bhanntachd mar seo a tha a’ misneachadh chluicheadairean òga ann an sgìrean anns a bheil iomain a’ fàs, leithid Uibhist a Tuath agus Comunn Camanachd Leòdhais. Bidh na cluidheadairean òga an sin a’ coimhead air adhart iad fhèin ris an latha far am faodadh iad a bhith a’ cluich ann an gèamanan eadar-nàiseanta air an telebhisean.”

Chuir Comunn na Camanachd fàilte air an naidheachd gu bheil na buinn a-rithist mar dhuais aig na gèamanan. Thuirt an t-Àrd-Oifigeir Gill Dòmhnallach: “Shoirbhich le Alba glè mhath a thaobh duais an t-sàr-chluicheadair le Tormod Caimbeul bho Bhail Ur an t-Slèibh ga bhuinnig airson an treas uair anns a’ Ghearasdan an uiridh. ’Se an aon duine a rinn seo, agus tha e mì-fhortannach nach bi e a’ cluich am bliadhna. Tha fhios againn gu bheil urram mhòr aig na cluicheadairean airson an duais a tha seo agus tha iad a’ cur ris na gèamanan mar thachartas a tha airidh air luchd-amhairc fad is farsaing. Tha sinn airson taing mhòr a thoirt do Chomunn na Gàidhlig airson an taic agus tha sinn an dòchas gun tèid againn air nas urrainn dhuinn de na duaisean a thoirt dhachaigh leinn.”

Chuir Eairdsaidh MacIlleathain cuideachd a thaic is gach dùrachd gu na cluicheadairean eile a tha a’ riochdachadh Alba ann an gèam iomain ann an Eirinn an t-seachdain seo – sgioba de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha a’ cluich ann an Gallaibh – an dàrna bliadhna a tha an gèam Gàidhlig air a chluich. Thèid an gèam a chluich mar phàirt de Iomain Cholmcille 2008 eadar 10mh agus 13mh Dàmhair le taic bho Colmcille (the Columba Initiative).  Thuirt Eairdsaidh: “Tha fhios agam gu robh sgioba na h-Alba gu math tàmailteach an uiridh an uair a chaill iad anns an Oban, ach bidh sinn beò agus an dòchas gun glèidh iad an turas seo.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach