Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


10mh den Ghiblean 2008

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) glè thoilichte liosta de chompanaidhean fhoillseachadh a fhuair taic bhuainn bliadhna ionmhais 2007-2008 le soighnichean dà-chànanach. Tha an liosta seo a’ sealltainn adhartas air feadh na h-Alba le barrachd chompanaidhean a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an diofar dhòighean. Thoir sùil gu h-ìosal airson barrachd fiosrachaidh ’s dealbhan.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri adhartas a bharrachd am bliadhna le companaidhean eile a’ cur luach sa Ghàidhlig. Tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama againn an seo

Bùth-spòrs an Iar-thuath: Chuir sinn taic ris a’ chompanaidh seo ann an Ullapul le soighne mòr a-muigh. www.northwestoutdoors.co.uk

Bùth-bìdhe an Taobh Siar, Caol Loch Aillse: Taic le soighne a-muigh. Thuirt an companaidh gun do thog seo an ìomhaigh aca.

J M Joinery: Bha sinn gu math toilichte taic a thoirt seachad don chompanaidh saorsainneachd seo. Chaidh am bhan ùr aca a pheantadh ann an stoidhle dà-chànanach.

Chruthaich an compaidhean-tachartais seo sreath de bhrataich a chaidh a chleachdadh aig tachartasan spòrs air a’ Ghàidhealtachd.

Thèid na brataich a chleachdadh samhradh 2008 a-rithist.

www.allinthedetail.com

Taigh-Òsta an Uillt Ghiuthais: Chaidh an t-àite seo a cheannach an uiridh agus an dùil ri ath-leasachadh san àm ri teachd. Tha e ri taobh an rathaid a’ dol a dh’Ullapul agus tha sinn a’ moladh an àite do Ghàidheil a’ siubhal sa sgìre. www.aultguish.co.uk

Bheataichean Eich Cheasaig a Tuath: Tha an gnìomhachas ùr seo airidh air moladh mòr ’s iad a’ fosgladh togalach ùr le soighnichean ann an stoidhle dà-chànanach air fad. Tha iad nan eisimpleir math air mar a ghabhas Gàidhlig a thoirt a-steach ann an dòigh ionmholta bhon chiad dol a-mach. www.kessockequinevets.co.uk

Talla Drochaid Ruaidh: Bha sinn glè thoilichte taic a thoirt don bhuidhnean leis na brataich ùra dà-chànanach an talla. Le dealbhan snog, tha na brataich seo a’ mìneachadh eachdraidh an talla.

Cùil na Sìthe:
Tha an Leabaidh ’s Bracaist seo stèidhte sa Ghearasdan, (Taobh Lòchaidh) ’s chunnaic iad an cothrom le soighnichean Gàidhlig ann a bhith togail ìomhaigh a’ ghnìomhachais aca. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh.

www.cornerofheaven.co.uk

An Tuireann: Thug sinn taic don ionad ealain seo ann am Port Rìgh. Bha sinn duilich a chluinntinn gun deach iad a-mach à bith goirid às dèidh làimh.

Alzheimers Scotland: Sgìre eile ’s soighne eile air a’ Ghàidhealtachd. Bha sinn gu math toilichte iarrtas fhaighinn bhon bhuidheann seo às an Òban. Pheant iad am bhan aca ann an stoidhle dà-chànanach.

Colaiste Loch Abair: Mar phàirt den leasachadh air an togalach, chaidh a’ cholaiste air adhart le soighne a’ sealltainn làrach na colaiste.

Claire Whyman: Chuidich CnaG an companaidh ùr seo ann an Steòrnabhagh le sanas dà-chànanach air Isles FM. www.highlandoptometrist.com

Garaidhean an Achadh Mhòir: Tha an t-àite seo suidhichte air Eilean Giogha ’s ainmeil airson an leithid de lusan ’s craobhan a chaidh a chur air an làrach. Chaidh iad air adhart le soighne dà-chànanach le taic bho ChnaG. www.gigha.org.uk

Comann Dualchais Ghoillspidh: Bha sinn gu math toilichte taic a thoirt don bhuidheann choimhearsnachd seo le soighne dà-chànanach ri taobh an rathaid.

Tha an Ostail seo stèidhichte ann an Srath Spè ’s a’ tabhann àitean-fuirich. Gu h-eachdraidheil, chan eil an sgìre seo a’ sealltainn an aon iarrtas airson soighnichean Gàidhlig ach le taic bhuainn, tha sinn an dòchas gun atharraich sin san àm ri teachd. www.ardenbeg.co.uk

The Howard Doris Centre: Stèidhichte ann an Loch Carran, fhuair an ionad-cùram seo air taic fhaighinn airson soighne rathaid a bhios taobh a-muigh an àite tron latha a’ sanasachd seirbheisean an ionaid.

Loidsichean Port an Eilein: Leis cho soirbheachail ’s bha a’ chiad sreath de shoighnichean dà-chànanach, thàinig an gnìomhachas seo air ais thugainn a’ sìreadh tuilleadh taic. Bha sinn ro dheònach taic a thoirt dhaibh a-rithist, an turas seo airson soighnichean a-muigh air an rathad. www.portnellan.co.uk

Comunn Muinntir Ratharsair: Gu math faisg air deireadh na bliadhna ionmhais, chuala sinn gun robh ath-leasachadh ga dhèanamh air talla coimhearsnachd Rathairsair. Thug sinn taic airgid dhaibh airson soighne Gàidhlig ’s pìos bàrdachd air uinneagan an talla.

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach