Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Rianachd Sradagan - foirmean agus taic

Bidh CnaG a' cumail taic ri buidhnean Sradagan ann an dìofar dhòighean. Tha sinn a' tuigsinn nach eil e furasta luchd-stiùiridh a lorg no a chumail. Gus seo a dhèanamh beagan nas fhasa, tha sinn air stiùireadh agus planaichean a chruthachadh do luchd-stiùiridh.  Cleachd am fiosrachadh a leanas agus leig fios thugainn ma tha taic a bharrachd a dhìth.  

Dè an taic a gheibh buidhnean Sradagan?

  • £450 de Thaic-airgid gus luchd-stiùiridh a phàigheadh
  • Àrachas
  • Trèanadh a thaobh dìon-chloinne
  • Taic le dion-chloinne agus disclosures
  • Stiùireadh agus taic le planaichean agus tachartasan
  • Taic le pàrtaidhean no tachartasan sònraichte

Stiùireadh agus planadh

Tha sinn air planaichean agus stiùireadh ullachadh airson gach seisean Sradagan. Tha geamanan ann, stiùireadh air uidheamachd agus dè cho fada 's a bu chòir gach gnìomh a bhith.  The e mionaideach. Cuideachd, tha planaichean ann airson na ràithe. 

Mar sin, tha stiùireadh an seo a chumas gach buidheann Sradagan a' dol fad mìosan.  Seall air na faidhlichean air an làimh dheas>>>>

Ciamar a gheibh buidhnean Sradagan taic bho ChnaG?

Feumaidh bun-stèidhe le comataidh agus oifigearan a bhith aig gach buidheann. Ann an cuid de shuidheachaidhean bidh buidheann eile a' gabhail dleastanas airson Sradagan ach tha e riatanach gu bheil an aon fhiosrachadh againn. 

Bu chòir do gach buidheann am fiosrachadh a thoirt dhuinn gus àrachas, taic le sgeama PVG (dìon-chloinne) agus taic-airgid fhaighinn bhuainn.  Seo am fiosrachadh a tha dhìth oirnn;

  • Foirm Comataidh & Àrachais
  • Foirm clàraidh airson gach pàiste a tha frithealadh na buidhne 
  • Litir le ainm sgrìobhte a’ Chathraiche ma tha iad airson taic airgid £450 mu choinneamh cosgaisean neach stiùiridh

Foirm Comataidh 's Àrachais

Tha seo a dhìth oirnn airson àrachas a thoirt do bhuidhnean. Tha e cudromach gu bheil ainmean againn airson gach oifigear le cuideigin air ainmeachadh mar "neach dìon-chloinne". Thoir sùil air am foirm air an duilleag seo. Chan eil e doiribh a lìonadh agus till thugainn e aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. 

Foirm Clàraidh

Cleachd seo airson fiosrachadh a chumail rinn air gach paiste a bhios a' dol gu Sradagan.  Feumar foirm a chur thugainn airson gach pàiste.  

Taic le OSCR

Tha cuid de bhuidhnean nan cathranasan. Faodaidh sinn taic a thoirt dhuibh le OSCR ma tha e a dhìth. 

Foirm-clàraidh

Tha seo a dhìth oirnn airson gach pàiste a bhios a' tighinn dhan buidheann. Feumar am foirm a chur thugainn gach bliadhna sgoile. Cumaidh sinn stòrdata leis an fhiosrachadh seo.

Litir bhon chathraiche ag iarraidh £450 bhuainn

Bidh sinn a' toirt £450 do bhuidhnean airson luchd-stiùiridh a phàigheadh. Gus seo fhaighinn, feumaidh am fiosrachadh gu h-àrd a bhith againn. 

Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fòn thugainn air 01463-234138

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach