Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

8mh den Fhaoilleach 2008

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG), buidheann leasachaidh na Gàidhlig, a’ cur an gnìomh iomairt ioma-thaobh ionadail gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a neartachadh sa Ghearasdan. Tha an iomairt ag amas air fiosrachadh a thoirt do phàrantan ùra mu na cothroman co-cheangailte ri Gàidhlig ’s foghlam sa bhaile.

Mar phàirt den iomairt, bidh cothrom aig pàrantan sùil a thoirt air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre bho chròileagan gu bun-sgoil.  Tha CnaG cuideachd a’ stèidheachadh seirbheis fiosrachaidh le oifigearan a’ sgaoileadh bhileagan agus pàrantan aig a bheil eòlas pragtaigeach air foghlam Gàidhlig mar tosgairean ionadail.  Mu dheireadh, tha seisein fiosrachaidh ’s deasbad a’ gabhail àite Diardaoin 17mh aig 7f ann an seòmraichean na Comhairle air a chumail le CnaG.

’S e Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aon de na prìomh dhòighean air fileantachd sa Ghàidhlig a ruighinn agus a chumail. Tha seo gu sònraichte fìor mu chlann à teaghlaichean aig nach eil Gàidhlig. Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig fosgailte don a h-uile duine, feadhainn aig a bheil Gàidhlig agus feadhainn aig nach eil agus tha taic ri fhaighinn aig gach ceum do phàrantan ùra.

Bho thòisich e sa Ghearasdan, tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a dhol bho neart gu neart agus tha buidheann-taice pàrant, Comunn nam Pàrant, a’ beachdachadh air sgoil fa-leth sa bhaile le Plana Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd ag amas air aon sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh ro 2011.  Tha an ionad Gàidhlig stèidhichte aig Roinn-Sgoile Ghàidhlig a’ Ghearasdain an dràsta le àireamhan-chloinne a’ sìor fhàs.

Faodaidh duine sam bith aig a bheil ùidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a dhol gu làrach-lìn ionadail na sgìre www.lochabergaelic.org agus tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn mun tadhal-sgoile bho ChnaG air 01463-234138.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach