Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


1mh Iuchair 2008

Tha am pròiseact air leth soirbheachail “Gàidhlig air a’ Bhàta” air ais am bliadhna, an com-pàirt ri iomairt Cearcaill na Gàidhlig. Bidh Oifigearan Fiosrachaidh air bòrd nam bàtaichean-aisig a tha a’ siubhal eadar an t-Òban/Col/Tiriodh, Ùig/Loch nam Madadh/ An Tairbeart agus Ullapul/Steòrnabhagh. Bheir na h-Oifigearan fiosrachadh do luchd-siubhail air Gàidhlig is cultar cho math ri bhith toirt seachad fiosrachaidh mu nithean a dh’fhaodar a dhèanamh, àitean a dh’fhaodar a thadhal agus tachartasan a tha a’ gabhail àite air na Cearcaill na Gàidhlig eadar-dhealaichte. Còmhla ri bhith toirt seachad fiosrachaidh mu eachdraidh a’ chànain, bheir na h-Oifigearan Fiosrachaidh cuideachd seachad fiosrachadh mu iomairtean airson a’ chànan adhartachadh. Gheibh luchd-siubhail an cothrom facail agus abairtean goirid ionnsachadh agus fiosrachadh mu na dòighean eadar-dhealaichte a tha rim faotainn gus a’ chànan ionnsachadh. Crìochnaichidh gach seisean le ceòl no òran Gàidhlig bhon Oifigear Fiosrachaidh. Bidh luchd-siubhail a tha an làthair air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail agus ceistean fhaighneachd aig deireadh an t-seisein.

Thuirt Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Eardsaidh MacIlleathain, “Tha CnaG uabhasach toilichte a bhith ag obair còmhla ri Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig air pròiseact “Gàidhlig air a’ Bhàta” am bliadhna a-rithist. Tha e a’ toirt dhuinn toileachas sònraichte a bhith ag obair còmhla ri iomairt Cearcaill na Gàidhlig. Tha mi den bheachd gu bheil àite mòr aig Turasachd Chultarail ri chluiche ann a bhith a’ cruthachadh chothroman eaconamach ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. ’S e eileamaid chudromach a tha ann an Cearcaill sna Gàidhlig ann a bhith brosnachadh dhaoine gus tadhal air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus tha sinne uabhasach toilichte a bhith mar phàirt dheth. Fhuair sinn fios air-ais mhìorbhaileach bhon luchd-siubhail a bha an làthair aig na seiseanan againn air na bàtaichean-aisig an-uiridh agus tha sinn làn chinnt gun till cuid dhiubh a-rithist am bliadhna gus leantainn air an turas aca gus barrachd fhaighinn a-mach mun Ghàidhlig agus a cultar. B’ ann bho air feadh an t-saoghail a bha tòrr de na daoine a bha an làthair an-uiridh agus thug mòran dhiubh brath bhrosnachail seachad mo phròiseact Gàidhlig air a’ Bhàta. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri samhradh eile a cheart cho soirbheachail air bòrd!

Thuirt Prìomh Neach-stiùiridh ChalMac, Lawrie Mac na Ceàrdaich, “Tha mi uabhasach fhèin toilichte gum bi seiseanan Gàidhlig air a’ Bhàta a’ gabhail àite air aiseagan Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn a-rithist air an t-samhradh seo. Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a’ gealltainn Gàidhlig a bhrosnachadh agus tha e iomchaidh gum bi cothrom aig ar luchd-dèilig tuilleadh ionnsachadh mu chànan agus cultar nan eilean a tha aiseagan CalMac a’ frithealadh. Chòrd “Gàidhlig air a’ Bhàta” ri daoine an-uiridh, agus tha mi uabhasach toilichte gum bi cothrom aig tuilleadh luchd-dèilig pàirt a ghabhail sna seiseanan fiosrachaidh a-rithist am bliadhna.”

Thuirt Joe Mac a’ Phì, Manaidsear Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, “Tha Cearcaill na Gàidhlig na shreath inntinneach de chuairtean tro na h-eileanan agus Taobh Siar na Gàidhealtachd. Tha buidhnean com-pàirteachaidh Chearcaill na Gàidhlig uabhasach toilichte gu bheil Gàidhlig air a’ Bhàta a’ gabhail àite a-rithist am bliadhna oir tha fìor cho-aonta aige ri pròiseact Chearcaill na Gàidhlig, gu h-àraidh seach gu bheil còig tursan ùra ann am bliadhna. Tha sia Cearcaill na Gàidhlig ann an leabhar mhìorbhaileach a gheibhear sna bùithtean air bòrd aiseagan ChalMac airson dìreach £5. Tha tuilleadh fiosrachaidh air Cearcaill na Gàidhlig ri fhaotainn air an làrach-lìn aig www.gaelic-rings.com

Gun teagamh, ni Cearcaill na Gàidhlig agus seiseanan Gàidhlig air a’ Bhàta cinnteach gum bi deagh chothrom aig luchd-turais air a’ Ghàidhlig fhad ’s a tha iad a’ siubhal eadar na h-eileanan àlainn againn nach eil coltach ri eileanan eile air an t-saoghal.”

Thuirt Coinneach Moireach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, “Tha e mìorbhailteach a bhi a’ coimhead a’ phròiseact, Gàidhlig air a’ Bhàta a’ dol am bliadhna s’ a-rithist. Tha a’ phròiseact air a bhi soirbheachail ann a bhith a’ tàladh luchd-turais chun chànan agus tha cuid aca air oidhirpean mhath a dhèanamh beagan dhan chànan ionnsachadh.

Tha an dòigh obrach seo, far am bheileas a’ co-obrachadh còmhla ri Cearcaill na Gàidhlig na eisimpleir air dòigh-obrach a tha cudromach airson fàs agus leasachadh sa chànan agus tha am Bòrd deigheal air an seòrsa dòigh-obrach seo a leudachadh sna mìosan agus bliadhnachan air thoiseach oirnn.”

Bidh seiseanan fiosrachaidh air bòrd MV Lord of the Isles, Clansman, Hebrides agus an Isle of Lewis bhon 7mh Iuchar airson ochd seachdainean. ’S iad na h-Oifigearan Fiosrachaidh, Lindsay Mitchell, Cara NicIlleathain, Camshron Wilkie agus Iain Aonghas MacFhionghain

Airson tuilleadh fiosrachaidh air a’ phròiseact seo, cuir fios gu Dòmhnall Morris, Comunn na Gàidhlig, 01463 234138

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach