Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

A’ cumail choinneamhan sa Ghàidhlig?

Carson?
Tha na Gàidheil gu nàdarra air a bhith a’ bruidhinn na Beurla nuair a tha neach gun Ghàidhlig nam measg. Chanadh cuid gun robh buaidh mhòr aig seo air crìonadh a’ chànain agus gur e cho deònach is a bha na Gàidheil oidhirp a dhèanamh gus a’ Bheurla a bhruidhinn a tha a’ fàgail na Gàidhlig anns an staid sa bheil i an-diugh. Tha teicneòlas ùr air seo atharrachadh ge-tà. Tha Comunn na Gàidhlig, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Leasachadh Coimhearsnachd Eaconamach nan Eilean Siar, air 8 innealan eadar-theangachaidh fhaighinn a dh’fhaodas buidhnean fhaighinn air iasad gus an cleachdadh aig coinneamhan, òraidean, co-labhairtean is eile.

Ciamar?
Tha na h-innealan furasta a chleachdadh agus tha 20 paidhir chluasan a’ tighinn an cois gach fear. Tha seo a’ ciallachadh gun urrainn dha suas gu 20 neach aig nach eil aon fhacal Gàidhlig a bhith an làthair aig coinneamh no tachartas far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Tha seo a’ ciallachadh nach eil càil sam bith a-nis a’ cur bacadh air buidhnean a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig aig choinneamhan. Aig an aon àm tha iad cuideachd a’ ciallachadh gu bheil daoine gun Ghàidhlig a’ faighinn a’ chothroim com-pàirt a ghabhail aig na coinneamhan Ghàidhlig.
’S urrainn do Chomunn na Gàidhlig eadar-theangair a thoirt dhuibh air màl no cuideachadh ann an bhith lorg cuideigin.

Feumar tasgadh £100 a thoirt seachad mus faighear na h-innealan air iasad agus tha cosgais air an uidheamachd airson buidhnean proifeiseanta.  
Ma thèid an uidheamachd a mhilleadh no a chall feumaidh am buidheann leis an robh iad pàigheadh airson an cur air ais mar a bha iad.

Càite?
Tha na h-innealan eadar-theangachaidh rim faighinn air iasad bho:

  • CnaG, Glaschu Fòn: 0141 3392022
  • CnaG, Inbhir Nis Fòn: 01463 234138
  • CnaG, Steòrnabhagh Fòn: 01851 701802
  • Colaisde a’ Chaisteil, Beinn na Faoghla Fòn: 01851 770507
  • Colaisde a’ Chaisteil, Steòrnabhagh Fòn: 01851 770460
  • Colaisde a’ Chaisteil, Barraigh Fòn: 01851 770600
  • Ionad Chaluim Chille, Ìle Fòn: 01496 810818

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach