Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Lasair - Iomairt Ghàidhlig an Eilein Sgitheanaich. Tha an iomairt ag obair air feadh an eilein agus a' cur proiseactan an gnìomh tro Chomunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig. Le sia ionad Gàidhlig no sgoiltean Gàidhlig tha e foilleasach gu bheil iarrtas ann airson na Gàidhlig. Mar phàirt de obair na h-Iomairt, bidh CnaG ag amas air trì rudan gu sònraichte:

ÒigridhCo-òrdanachadh - Buidhnean a thoirt còmhla gus proiseactan a chur an gnìomh agus lèirmheas a dhèanamh air an adhartas. 

Brosnachadh foghlam Gàidhlig - Ann an com-pàirteachas le Comann nam Pàrant Nàiseanta, Comhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig,  Sgeama Comhairleachaidh nam Pàrant a chur air dòigh tron Eilean agus taic a chumail ri tachartasan agus pròiseactan eile a tha ag amas air an aon rud.  

Òigridh - Pròiseactan leithid Duais Iain Muir agus Sradagan a chur air adhart gus cothrom a thoirt do dh'oigridh a bhith cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile.  

Far a bheil goireasan, bidh CnaG cuideachd a' cur air adhart pròiseactan eile do luchd-ionnsachaidh agus tachartasan sgìreil.  

Tha a' choimhearsnachd aig cridhe na h-Iomairt agus ceangal làidir ann le buidhnean leithid Urras an Taobh Sear agus eile.  

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach