Tha farpais ùr ga stèidheachadh an dràsta airson sgoiltean na h-Alba, clàr a chumail de dh'eisimpleirean dhan Ghàidhlig ga cuir an sàs anns a' choimhearsnachd is le gnothachasan.

Tha am farpais, air a ruith le Comunn na Gàidhlig (CnaG), mar mheadhan air an liosta às coileanta 'sa ghabhas a cruthachadh de bhuidhnean coimhearsnachd neo companaidhean a tha a' cleachdadh na Gàidhlig mar phàirt den ìomhaigh neo obair-laitheil.

Gheibh an sgoil a thogas a' chuid as motha de dh'ainmean airson an liosta duais de £400, le na sgoiltean anns an dàrna is treasaibh àitean a' faighinn £200 agus £100 an urra.

Thuirt Ceannard ChnaG Dòmhnall MacNèill: "Tha sinne a' cuir seo air dòigh mar phàirt den obair againn le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha iadsan, agus buidhnean-compàirteachaidh eile, an impis rannsachadh mòr a chuir air dòigh mu bhuaidh na Gàidhlig ann an seadh sòisealta is eaconamach.

"Le sin, tha iad a' sùileachadh gum bith an luchd-rannsachaidh a' sireadh eisimpleirean de ghnothachasan is buidhnean coimhearsnachd a tha a' cleachdadh na Gàidhlig. Tha liosta againne mu thràth - ach sa chumantas, dìreach na buidhnean a th'air taic fhaighinn bhuainne thar nam bliadhnachan. Tha fios againn gum bith an t-uamhas eile ann, ach tha e duilich dhuinn an fhiosrachadh seo a chruinneachadh.

"Le bhith a' toirt an cothrom a tha seo dha na sgoiltean, tha sinn an dòchas gun tèid againn air barrachd ainmean chuir ris an liosta, ach cuideachd, gur dòcha gum faic a' chlann fhèin cho tric 's a tha a' Ghàidhlig ri fhaicinn sa choimhearsnachd, agus mar a tha daoine ga cuir gu feum agus a' toirt luach aiste."

Tha am farpais ùr gu bhith fosgailte do bhun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, gach cuid iadsan a tha a' toirt seachad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach cuideachd far am bheil a' Ghàidhlig ga teagasg mar chuspair dha luchd-ionnsachaidh.

A rèir CnaG tha iomadh diofar dhòigh ann far am bheilear a' cleachdadh na Gàidhlig san latha 'n diugh, nam measg:

Soidhnichean air toglaichean coimhearsnachd neo gnothachasan;
Soidhnichean air carbadan (càraichean, bhanaichean, làraidhean);
Sanasachd is margaidheachd neo ainmean 'air-loidhne' air an eadar-lìon;
Pacaidean bìdh neo deoch.
Luchd-ciùil, luchd-cleas neo an leithid, a tha an sàs anns a' Ghàidhlig gu profeiseanta.

Tha e fosgailte do na sgoiltean a h-uile eisimpleir seo chleachdadh, agus dad sam bith eile a lorgar.

Dòmhnall MacNèill a-rithist: "Cuiridh sinn fios mu riaghailtean nam farpais air an làrach-lìn againn (www.cnag.org) ach bithidh iad sìmplidh, dìreach a' mìneachadh an seòrsa fiosrachadh a tha a dhìth oirnn, agus an cruth anns am feumadh e tighinn. An aon rud a bu chòir dhèanamh soilleir nach eil sinn idir a' lorg soidhnichean-rathaid, neo ainmean air togalaichean neo buidhnean poblach - leithid ospadail, sgoiltean, comhairlean, oifisean riaghaltas is eile, 's e buidhnean coimhearsnachd neo prìobhaideach a tha fainear dhuinn. Ach ma tha ceistean aig daoine bithidh sinn ro dhèonach an tuilleadh soilleireachadh thoirt seachad."

Thuirt Niall Ros, bho meur Leasachadh Coimhearsnachd Iomairt na Gàidhealtachd: "Bithidh an rannsachadh seo ann an Buaidh Eaconomach is Sòisealta na Gàidhlig, mar Ghoireas, air am bheil InG a' gabhail a' stiùir, ach le taic farsuing bho compàirtichean eile san roinn phoblach, Bòrd na Gàidhlig nam measg, na chùideachadh mhòr dhuinn ann a bhith a' tuigsinn dè am feum a thathas a' dèanamh dhan Ghàidhlig, agus dèn còrr a ghabhadh dèanamh. Cuideachd bheir e taghadh dhuinn de dheagh eisimpleirean a dh'fhaodadh sinn a sgaoileadh agus a chleachdadh airson daoine eile bhrosnachadh."

Tha ceann-latha airson tagraidhean, is ainmean mu choinneamh am farpais de Diardaoin 28mh Màirt.

Airson an tuilleadh fios tog am fòn gu: Dòmhnall MacNèill, CnaG, 01463 234138