bun-sgoilTha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil a’ cleachdadh na Gàidhlig airson an ionnsachaidh is teagaisg gu lèir, anns gach cuspair sgoile, agus modhan bogaidh gan cur gu feum ann am P1 agus P2. Mar as tric thathar a’ tòiseachadh air leughadh agus sgrìobhadh sa Bheurla bho P3 ach ’s i Gàidhlig fhathast prìomh chànain a’ chlas tro foghlam na bun-sgoile. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag amas, le stiùir nàiseanta an Riaghaltais, air clann a thoirt gu fileantachd sa Ghàidhlig agus sa Bheurla mus fàg iad a’ bhun-sgoil. Anns an fharsaingeachd tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a lìbhrigeadh ann an roinnean Gàidhlig taobh a-staigh sgoiltean Beurla ach tha sgoiltean Gàidhlig cuideachd ann an cuid de sgìrean.

 

Tha an àireamh de sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoil air meudachadh bho 24 ann an 1985 ann an 2 sgoil gu còrr is 2,300 ann am bliadhna-sgoile 2010-11 ann an 60 sgoiltean.

Bun-sgoiltean le foghlam tron Ghàidhlig