cloinnTha foghlam ro-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, ann an riochd cròileagain agus sgoiltean-àraich, na chiad cheum cudromach ann am foghlam foirmeil.

Tha buidhnean Pàrant is Pàiste ann an grunn sgìrean agus mar as tric tha iad gan ruith le comataidh saor-thoileach agus tha cuid a’ fastadh neach-stiùiridh.

’S e comataidh saor-thoileach a tha cuideachd a’ ruith nan Cròileagain agus tha a’ mhòr-chuid air co-dhiù aon neach-stiùiridh fhastadh. Ann an cuid de sgìrean tha buidhnean Cròileagan gan ruith an àite sgoiltean-àraich.

Le buidhnean pàrant 's pàiste tha am pàrant fhèin an làthair leis a' phàiste gus Gàidhlig ionnsachadh agus cluiche còmhla. Chan pàrantan an làthair fad an t-seisein aig na croileagain. 

’S e Bòrd na Gàidhlig a' bhuidheann nàiseanta a tha an urra ris na buidhnean ro-sgoile seo.

Cleachd na ceanglaichean air an duilleag seo gus mapaichean air buidhnean tràth-bhliadhnichean a lorg a tha faisg oirbhse.