Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Bidh Gàidheil òga bho air feadh Alba a’ dèanamh air na slighean sgithidh air an deireadh sheachdain seo mar phàirt de thuras a tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ cur air dòigh.  Tha an turas a’ cur fàilte air 40 neach òg à Glaschu, Inbhir Nis, Barraigh, Baile Dhubhthaich, Loch Abair, Leòdhas agus às an Eilean Sgitheanach a bhios a’ cruinneachadh aig Bad a’ Ghiuthais airson sgitheadh agus cur-seachadan eile. 

Tha an turas seo a’ toirt cothrom do dh’ òigridh an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh spòrsail, taiceil.  Bhon chiad turas ann an 2012, tha CnaG air a bhith neartachadh a’ phrògraim sgithidh agus a’ comharrachadh nan cothroman seo glè chudromach le comas labhairt agus fileantachd.  Tha CnaG air uidheamachd sgithidh agus meanbh-bhus a cheannach a tha rim faighinn le buidhnean eile.  ‘S e goireasan air leth a bhios an seo don Ghàidhlig agus don òigridh.  Tha a’ mheanbh-bhus ga chleachdadh airson a’ chiad uair air an turas sgithidh.

Bidh an turas sgithidh cuideachd a’ togail air iomairt airson soidhnichean dà-chànanach aig na h-ionadan sgithidh a chaidh a chur an gnìomh le CnaG an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig beagan ùine air ais. 

Chaidh Spòrs Gàidhlig, buidheann òigridh ùr aig CnaG, a chur air bhog aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban, 2015.  Bidh a’ bhuidheann ùr seo a’ leudachadh nan cothroman don òigridh san àm ri teachd.   Tha prògram Spòrs Gàidhlig ann an 2016 cuideachd a’ toirt chothroman ùra don òigridh sa Ghàidhlig. 

Tha Campa Deugairean ann an Loch Abair a bhios traidiseanta le òigridh a’ fuireach ann an teantaichean fad na seachdain le cothroman gu leòr airson cur-seachadan a-muigh agus a-staigh agus ùine le caraidean ùra. 

Tha cothrom eile ann, turas rothaireachd eadar Barraigh agus Rubha Robhanais ann an Leòdhas far am bi an òigridh a’ dèanamh an slighe fhèin, le taic agus stiùireadh, gu tuath air na rothairean aca. 

Tha cuideachd da champa Sradagan a’ gabhail àite airson òigridh eadar 9 agus 12, anns Na Hearadh agus san Eilean Sgitheanach san Iuchair. 

Tha àitean ri fhaighinn air na tursan seo agus tuilleadh air làrach-lìn Spòrs Gàidhlig: www.spors.scot

Tha na tursan is cur-seachadan sa air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

CRÌOCH

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach