Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha mìos thrang air a bhith aig luchd-obrach Chomunn na Gàidhlig (CnaG) agus iad air dà champa a chumail do dh'òigridh Gàidhlig na h-Alba eadar aoisean 8 agus 12. Chaidh a' chiad champa a cumail an Ionad Scaladail, sna Hearadh far an robh 23 an làthair, agus an dara tè an Dùn Fhlòdaigearaidh san t-Eilean Sgitheanach, far an robh 26 òigridh an sàs. Thainig a' chlann bho air feadh Alba: na h-Eileanan Siar, Inbhir Nis, Glaschu, Dùn Èideann, Sriughlea agus Ìle nam measg. Gach seachdain, bha program spòrsail, inntinneach, tarraingeach aig an òigridh, bho a bhith a' buain na mònach, gu bhith a' leum dhan mhuir (coasteering), tadhal air taighean-tasgaidh, obair ealain agus iomadh spòrs is cur-seachad eile. Se a tha cudromach mu na campaichean gu bheil an òigridh am measgachadh le chèile, gu bheil deagh spòrs aca agus gu bheil iad a' dèanamh caraidean às ùra, caraidean a bhios aca fad am beatha. Tha iad cuideachd a' faighinn gach rud a tha seo a dhèanamh tron Ghàidhlig, gu mòr a' cur ris gach rud na sgilean cànain aca agus am misneachd ga cleachdadh. Tha na campaichean air an ruith fo stiùir luchd-obrach ChnaG.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill, "Tha sinn air a bhith an sàs anns na campaichean seo bho chionn grunnan bhliadhnachan a-nis, ach ged a bhitheas an sgioba againn ag atharrachadh, is a' chlann fhèin a' gluasad air adhart, tha aon rud leantainneach – am fòcas làidir a th' againn air spòrs is fealla-dhà fad na seachdain.

"Tha e an còmhnaidh na thoileachas dhuinn a bhith a' faicinn an iarrtas làidir a th' ann bho chlann is phàrantan airson na campaichean. Bithidh cuid a' chlann a' tilleadh dha na campaichean fad dhà na trì bhliadhnachan – is tha sin na dhearbhadh dhuinn gum bheil iad a' faighinn toileachas asta. Tha e cudromach gu bheil a' lethid seo ann gus cothrom a thoirt dhan òigridh an cuid Gàidhlig a cleachdadh taobh a-muigh an seòmar sgoile, an suidheachadh spòrsail, sòisealta, am measg charaidean. Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic a tha a' leigeil leinn na campaichean sa a chuir air dòigh."

Tha Comunn na Gàidhlig gu mòr ag obair am measg òigridh an diofar choimhearsnachdan air feadh Alba agus tha Oifigearan Oigridh/Coimhearsnachd aca steidhte sna h-Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, Loch Abair, Muile, Ìle, Glaschu agus Dun Èideann. A thuilleadh air pròiseactan nàiseanta mar campaichean, turas sgithidh, Cuach na Cloinne agus Duais Iain Muir, bidh na h-oifigearan ag obair gu dlùth le sgoiltean a' cur prògram farsaing de dhiofar thachartasan agus cur-seachadan air adhart a' cruthachadh chothroman dhan òigridh an cuid Gàidhlig a cleachdadh taobh a-muigh seòmar clas na sgoile, a' neartachadh ìre fileantachd agus a' cur ri misneachd an òigridh. Tha CnaG ag obair fo chumhnantan le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra Ghaidheal is Bhoid, Comhairle Baile Ghlaschu agus Comhairle Baile Dhùn Èideann.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach