Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu:  Moilidh NicGriogair & Sarah NicDhòmhnaillAn dèidh feasgar de dheasbad a bha inntinneach agus cruaidh dha rireabh, chaidh ainmeachadh cò na sgiobaidhean a thèid troimhe chun an iar chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2013. Bha dusan sgioba a strì an aghaidh a-chèile feasgar an-diugh anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh le na ceithir sgiobaidhean aig an robh na comharran as àirde a' dol troimhe chun an ath chuairt a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt 26 Samhain 2013. 'S iad Sgoil MhicNeacail à Leòdhas a bhios a coinneachadh ri Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus bidh Sgoil Lionacleit an aghaidh Sgoil Bhàgh a' Chaisteil.


'S ann aig Ionad Sgeulachd na h-Alba ann an Dùn Èideann a bhios na h- iar- cuairtean deireannach a' gabhail àite air Dimàirt 26 Samhain 2013. Thèid a' chuairt mu dheireadh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diciadain 27 Samhain agus bi seo ri chluinntinn beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Sgoil Lionacleit: Katie & Joanne NicIllinneinChaidh na cuspairean a thoirt do na sgiobaidhean an-diugh fhèin agus bidh Sgoil MhicNeacail agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' deasbad air a' chuspair; "Tha cànan ag atharrachadh, tha litreachadh ag atharrachadh. Gabh ris nach e mearachd a th' ann tuilleadh". Anns an darna deasbad bidh Sgoil Lionacleit agus na nàbaidhean aca ann an Bàgh a' Chaisteil a' beachdachadh air a' chuspair "Chan eil gnothaich aig dùthchannan an taobh an iar a bhith gam faicinn fhèin mar phoilis an t-saoghail".

Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh:

Sgoil MhicNeacail A:  Isabelle Bain & Peigi Ann ScottTha a' Chomataidh Rianachd airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.
Tha taic agus maoineachadh cuideachd a thighinn bho Chomunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Pròiseact nan Ealan, agus a' Bhuidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach