Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air triùir stiùirichean ùra a chuir an dreuchd air a' bhòrd stiùiridh aca. 'S iad an triùir, Laura NicIllinnein, Ciorstaidh NicDhòmhnaill agus Catrìona Mhoireach.

S' ann à Barabhas, Leòdhas a tha Laura, ged is ann an Glaschu a tha a dachaigh agus tha i ag obair aig a' BhBC. Sann à Uibhist a Tuath a tha Ciorstaidh, bho thùs agus tha a dachaigh an Dùn Èideann far am bheil i na h-Oifigear Gàidhlig aig Alba Aosmhor. Tha Catrìona Mhoireach, a bhuineas do Steòrnabhagh, na h-òraidiche an Colaisde a' Chaisteil an Steòrnabhagh.

Coinneach MacÌomhair, Cathraiche ChnaG le dithis de na stiùirichean ùra, Catrìona Mhoireach is Ciorstaidh NicDhòmhnaill.Chaidh an naidheachd sa fhoillseachadh aig Coinneamh Bhliadhnail ChnaG a chumar an Inbhir Nis an t-seachdain a chaidh.

Thuirt Coinneamh MacÌomhair, Cathraiche ChnaG, "Tha mi air leth toilichte a bhith a' cur fàilte air Laura, Ciorstaidh is Catrìona gu bòrd stiùiridh ChnaG. Tha iad uile ag obair agus a' fuireach an diofar choimhearsnachdan an Alba, tha iad a' toirt diofar sgilean don Bhòrd agus tha iad uile a' tighinn don Bhòrd lem beachdan fhèin air dòighean leasachadh na Gàidhlig a thoirt air aghaidh. Tha mi gu mòr a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha sna bliadhnachan ri thighinn."

Tha CnaG a' lìbhrigeadh seirbheisean leasachaidh Gàidhlig thairis air grunn raointean, bho sgeamaichean do dh' oileanaich, gu sgeamaichean shoidhnichean is margaideachd dà-chànanach ach gu sònraichte obair òigridh, leis na h-Iomairtean Gàidhlig a tha iad air a steidheachadh ann an diofar choimhearsnachdan air feadh Alba. Tha iad an sàs anns an obair seo gu sònraichte as leth Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.

Laura NicIllinnein, tè de stiùirichean ùr ChnaG.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach