Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ sireadh thagraidhean airson tiotal, “Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2013”.  Thathas a’ coimhead airson gnìomhachasan a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar ghoireas, agus is fheàrr a dhearbhas a bhith ga cleachdadh am measg luchd-obrach agus ri luchd-frithealaidh, follaiseachd na Gàidhlig taobh a-staigh na buidhne agus cleachdadh na Gàidhlig tro shuaicheantas/margaideachd na buidhne.  Cuideachd, bidh an fharpais fosgailte do ghnìomhachasan a tha a’ dèanamh strì gus ruighinn air na h-amasan ud.

Tha an fharpais air a cuir air dòigh le CnaG mar phàirt den chùmhnant leasachaidh a th’ aca le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) agus se seo an ceathramh bliadhna a tha an fharpais air a bhith a’ ruith. ’S iad Acair Earranta, companaidh foillseachaidh leabhraichean stèidhte an Steòrnabhagh, a ghlèidh duais na bliadhn' an-uiridh.  A thuilleadh air an deagh chliù a tha an cois an fharpais, tha cuideachd duaisean airgid, le £3,000 air a thoirt dhan ghnìomhachas sa chiad àite, £1,500 san dàrna àite agus £500 airson an treas àite.  Thuirt Agnes Rennie, Manaidsear Acair, “Bha sinne air ar dòigh glan nuair a fhuair sinn a’ naidheachd gun shoirbhich do dh'Acair anns an fharpais. Mar chompanaidh bheag bha e feumail an airgead fhaigheann agus cheannaich sinn coimpiutair ùr dhan neach dealbhachaidh. Saoilidh mi cuideachd gun tug e misneachd dhuinn uile gu robh samhail CnaG agus HIE a’ faicinn luach anns an obair a tha sinn a’ dèanamh agus gu robh iad deònach sin aithneachadh leis an duais a bhith air a buileachadh air Acair.”

Thuirt Domhnall MacNèill, Stiùiriche ChnaG, “Tha an fharpais sa a’ dèanamh iomad rud –tha i a’ dèanamh aithne air na gnìomhachasan a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig mar ghoireas gus cuir ris a’ ghnìomhachas aca, tha i a’ misneachadh agus a’ brosnachadh gnìomhachasan eile ‘s docha a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig gu ìre a choireigin gus an tuilleadh a dhèanamh agus tha i na deagh mheadhan air a’ Gàidhlig a tharraing gu aire chàch, mar dhearbhadh air an àite is am feum a th’ innte ann an gnìomhachas san latha ’n diugh.  Tha sinn moiteil às an fharpais a tha seo agus taingeil do dh’Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean airson a’ chothrom a thoirt dhuinn a ruith.”

Thuirt Nial Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachd aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, “Tha HIE ag aithneachadh gur e rud bunaiteach a th’anns a’ Ghàidhlig air feadh a’ mhòr chuid den sgìre againn.  Tha HIE cuideachd, aig an àm sa fhèin, os cionn rannsachadh a dhearbhas buaidh eaconomaigeach is shòisealta na Gàidhlig mar ghoireas, gus leigeil leinn, taic nas fheàrr a thoirt do ghnìomhachasan gus buannachd a ghabhail air na cothroman a th’ ann.  Tha sinn toilichte a bhith ag obair còmhla ri CnaG ann a bhith a’ comharrachadh agus a’ toirt aithne do ghnìomhachasan a tha mur tha a’ cleachdadh agus a’ gabhail brath air a Ghàidhlig mar ghoireas.”

Tha an fharpais fosgailte do ghnìomhachasan, stèidhichte taobh a-staigh sgìre Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, a tha aithnichte gu coimearsalta agus ag obair mar ghnìomhachas.  Feumaidh iad a bhith a’ tighinn beò fa leth bho bhuidheann sam bith eile, no taobh-staigh buidheann nas motha, agus cha bu chòir dhaibh bhith nam pàirt no nam meur de dh’obair ùghdarras ionadail, companaidhean iomairt no buidhnean eile maoinichte le buidhnean poblach.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach