Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Alasdair Allan BPA, Ministeir Ionnsachadh, Saidheans agus Gàidhlig is Albais a’ toirt an duais do Alasdair MacLeòid, Facal is Anna NicSuain, Comunn Eachdraidh Nis.  Cuideachd san dealbh Anna NicAmhlaigh, Ceannard Gnìomhachas is Prìomh Roinnean aig HIE Innse Gall  agus Coinneach MacÌomhair, Cathraiche ChnaG.. Airson a' chiad uair on thoisich am farpais, "Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna" chaidh a' chiad duais a bhuileachadh, co-ionnan, air dà chompanaidh. B' iad na companaidhean, Facal, companaidh, stèidhte an Dùthaich MhicAoidh, a tha a' tabhann seirbheisean cànain agus Comunn Eachdraidh Nis, taigh tasgaidh stèidhte an Nis Leòdhas, a ghlèidh duais Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2013 le chèile.

Tha an fharpais, a th' air a stiùireadh le Comunn Na Gàidhlig (CnaG) le taic o Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean (HIE) a' toirt aithne don obair ionmholta a tha mòran chompanaidhean a' dèanamh nan raon fhèin agus aig an aon àm iad ga dhèanamh tron Ghàidhlig. A thuilleadh air a bhith a' toirt aithne do na companaidhean a tha a' cumail a' Ghàidhlig aig cridhe an cuid obrach an ceartuair, thathas an dòchas gum brosnaich an fharpais companaidhean eile gus a bhith a' strì gus iad fhèin a' bharrachd a dhèanamh tron Ghàidhlig.

Bha na britheamhan glan air an dòigh mar a bha an dà chompanaidh a' cleachdadh na Gaidhlig gach cuid am measg an luchd-obrach agus le luchd-frithealaidh agus le follaiseachd a' chànain a thaobh soidhnichean, làraich-lìn is dòighean margaidheachd eile. Ach se a ghlac aire nam britheamhan an obair eile, taobh a-muigh an "obair àbhaisteach" san robh an dà chompanaidh an sàs. Bha Facal gu mòr an sàs an clasaichean Gàidhlig, ceòl is seinn, obair òigridh agus co-obrachadh le buidhnean eile san sgìre air pròiseactan a thaobh na Gaidhlig a thoirt air adhart san sgìre. Bha Comunn Eachdraidh Nis air diofar bhuidhnean a stèidheachadh a bhiodh a' coinneachadh gu seachdainneil, air cafaidh a thòiseachadh agus air nàdar taigh-cèilidh a chruthachadh, a' toirt cothrom do mhuinntir na sgìre a bhith a' coinneachadh gu cunbhalach. Agus, bha gach rud a bha seo air a dhèanamh tron Ghàidhlig.

Chaidh na duaisean am buileachadh air Facal agus Comunn Eachdraidh Nis le Alasdair Allan BPA, Ministeir an Riaghaltais airson Ionnsachadh, Saidheans agus Gàidhlig is Albais

Thuirt an t-Oll. Allan, "Bu mhath leam meal a naidheachd a chuir air gach cuid Facal agus Comunn Eachdraidh Nis airson an duais a tha seo a ghleidheadh. Tha an dà chompanaidh air dearbhadh gu bheil a' Ghàidhlig gu tur aig cridhe an obair làitheil. Tha ar n-oidhirpean gus stad a chuir air crìonadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu mòr a' crochadh air companaidhean mar seo a tha a' toirt a' chothrom do dhaoine a' Ghàidhlig a cleachdadh nam beatha làitheil. Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt don phanail measaidh, agus Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean agus Comunn na gàidhlig airson an obair ann a bhith a' cumail an fharpais sa, oir tha i a' toirt aithne dhaibhsan a tha a' brosnachadh sa misneachadh seasmhachd a' chànain feadh na dùthcha."

Thuirt Anna NicAmhlaigh, Ceannard Gnìomhachas is Prìomh Roinnean aig HIE Innse Gall, gu robh HIE toilichte a bhith a' cumail taic ris na duaisean sa, "Tha duaisean mar seo cudromach ann a bhith a' dèanamh aithne air an oidhirp agus an dìcheall ann a bhith a' cleachdadh Gàidhlig mar so-mhaoin ann an gnìomhachas, agus tha sinn air leth toilichte gur iad Comunn Eachdraidh Nis agus Facal a cho-roinn an duais, leis gu bheil e cho soilleir gu bheil a' Ghàidhlig aig cridhe na tha iad a' dèanamh.

"Tha HIE gu làidir dhan bheachd gu bheil a' Ghàidhlig a' tabhann cothroman cosnaidh is cothroman gnìomhachas a leudachadh, agus chan eil dearbhadh nas fheàrr na bhith a' coimhead ris an dà chompanaidh a ghlèidh an duais sa. Tha HIE cuideachd air taic dìreach a thoirt don Chomunn Eachdraidh is do choimhearsnachd Ghàidhlig Nis, a tha mu thràth làidir agus a dh' fhaodadh a bhith nas treasa air a tha buidhnean mar Comunn eachdraidh Nis a' cleachdadh an dualchas gus goireasan a chuir air dòigh do mhuinntir na coimhearsnachd de gach aois. Tha e na adhbhar tlachd a' toirt aithne dhan sàr obair a tha ris ann a bhith a' leasachadh an cuid obrach tron Ghàidhlig.

"Tha Facal da-rìribh ag aithneachadh luach na Gàidhlig agus ga cleachdadh gu làitheil. Le follaiseachd a' chànain air an làrach-lìn aca agus le Gàidhlig an teas mheadhan an obair làitheil, tha iadsan cuideachd làn airigh air an duais a tha seo. Tha HIE a' guidhe gach soirbheachadh do Facal agus Comunn Eachdraidh Nis sna bliadhnachan air thoiseach oirnn."

Thuirt Anna NicSuain, Cathraiche Chomunn Eachdraidh Nis, "Tha e na urram mòr dha Comunn Eachdraidh Nis – agus dhan sgìre air fad – an duais seo fhaighinn. An uair a chaidh CEN a stèidheachadh ann an 1977, cò a chanadh gun sgapadh a' bheachd cruinneachadh eachdraidheil a bhith anns gach coimhearsnachd bhon Buta Leòdhasach gu ceann Bharraigh agus gu àiteachan eile air Tìr Mòr agus na h-Eileanan a-staigh. Saoilidh mi gu bheil Comunn Eachdraidh Nis gu ìre mhòr na dheagh eisimpleir air a' bheachd a nochd aig fosgladh oifigeil a' Mhòid an t-seachdain a chaidh, "gus coimhearsnachdan làidir Gàidhlig a chruthachadh agus a thogail anns na h-Eileanan an Iar gus am bi dachaigh ann an sin don ghinealach ùr de luchd-labhairt gus an ionnsachadh agus an tuigse air a' chànain a thoirt air adhart." Tha fior dheagh mhodail againn ann an seo, ach cha chùm sinn a' dol gun airgead a' tighinn gu cunbhalach. Tha mi an dòchas gu bheil na buidhnean maoineachaidh ag èisteachd gu furachail! Tha sinn fada an comann ChnaG agus HIE airson an duais a tha seo an diugh."

Thuirt Alasdair MacLeòid, co-stèidheadair Facal, "Tha sinn air ar dòigh a bhith a' faighinn na duaise seo, agus tha sinn an dòchas gun tòir seo brosnachadh dha companaidhean eile a thogail air luach na Gàidhlig sa roinn phrìobhaidich."

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG gu robh e glan air a dhòigh gu robh an duais air a cho-roinn le companaidhean stèidhte sna h-Eileanan an Iar agus Cataibh. Thuirt e, "Tha seo na dhearbhadh gu bheil oidhirpean a' dol air adhart taobh a-staigh gnìomhachasan tarsaing a' Ghàidhealtachd's nan eilein gus a' Ghàidhlig a neartachadh. Thairis na 4 ceithir bliadhna a chaidh seachad, bho chùmhnant le HIE, tha sinne air a bhith ag obair gu dlùth le diofar ghnìomhachasan is buidhnean coimhearsnachd air feadh na dùthcha agus tha mise cinnteach gu bheil cothroman mòr ann airson an tuilleadh a dhèanamh leis a' Ghàidhlig gus gach cuid maitheas a' cànain agus an eaconamaidh. Tha mi taingeil do HIE airson an taic ann a bhith a' ruith am farpais, Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna."

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach