Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Iomairt Gàidhlig Dhùn Èideann air làrach-lìn ùr a chuir air bhog aig www.duneideann.org, le dòchas gum bi seo na ghoireas luachmhor do choimhearsnachd na Gàidhlig sa bhaile.  Còmhla ris an duilleag Facebook aig an Iomairt, bi an làrach ùr seo làn fiosrachaidh air tachartasan Gàidhlig sa bhaile, agus fiosrachadh eile air cothroman agus seirbheisean na h-Iomairt. 

Thuirt Murchadh MacIlleathain, Cathraiche Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann, “Bha dà adhbhar againn airson a bhith a’ cruthachadh an làrach-lìn sa – sa chiad àite, tha mòran thachartasan Gàidhlig a’ gabhail àite an Dùn Èideann air feadh na bliadhna agus bha sinn airson gum biodh aon àite ann far an deidheadh na tachartasan fhoillseachadh gach cuid do choimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann agus cuideachd do luchd-turais.  San darna àite, tha e cudromach gum bi fios aig daoine agus buidhnean a bhios a’ cur tachartasan air dòigh tachartasan eile a tha a’ gabhail àite gus cothrom a thoirt dhaibh nach bidh diofar thachartasan a’ gabhail àite aig an aon àm.  Tha sinn an dòchas gun cleachd daoine an làrach-lìn agus gum biathaich iad i le fiosrachadh mu thachartasan a tha a’ gabhail àite.”

Thuirt Ciorstaidh NicIlleathainn, Oifigear Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann, a bhios ag ùrachadh na làraich, “Cumaibh ùr sùilean air an làrach-lìn airson fiosrachadh mu chlasaichean còmhraidh, tachartasan spòrsail, ceòl agus mòran eile!  Tha an làrach-lìn na ghoireas dhan choimhearsnachd – mar sin, ma tha tachartas agaibh fhèin a bu mhath leibh a shanasachd, cuir fios thugainn aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn..”

Tha Comunn na Gàidhlig a' cur an gnìomh ochd Iomairtean Gàidhlig air feadh na dùthcha. Tha dleastanas orra airson co-òrdanachadh eadar buidhnean agus cuideachd pròiseactan a chur air adhart le prìomhachas air òigridh agus foghlam Gàidhlig. Tha buidhnean eile an sàs ann an gach Iomairt agus bidh iadsan a' cur pròiseactan air adhart taobh a-staigh nam prìomhachasan agus neartan aca fhèin.

Tha Iomairtean Gàidhlig, a th’ air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, nan com-pàirteachasan eadar buidhnean Gàidhlig agus coimhearsnachdan. 'S e prìomh amas gach Iomairt fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt agus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh.

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: “Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach is a tha cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan agus a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig. Tha sinn a’ cur fàilte air an làrach-lìn seo is an dòchas gun gabh muinntir na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, an cothrom a tha an làrach a fosgladh dhaibh.”

Taobh a-staigh gach Iomairt tha diofar bhuidhnean Gàidhlig agus buidheann stiùiridh às a' choimhearsnachd.  Thèid planaichean-obrach a chruthachadh agus a chur an gnìomh le na buidhnean Gàidhlig le stiùir bhon bhuidheann stiùiridh.  Gu h-àbhaisteach tha na gnìomhan a' tighinn fo na cinn a leanas:  Taic do Phàrantan, Adhartachadh air Gàidhlig, Ionnsachadh Inbhich, Foghlam 0-3 bliadhna, Foghlam 3-5 bliadhna, Foghlam aois 5-18, Òigridh agus  Leasachadh Coimhearsnachd.

Tha Iomairt Gàidhlig Dhùn Èideann a' leasachadh na Gàidhlig sa bhaile tro dhiofair phròiseactan, nam measg;

  • Co-obrachadh le Comann nam Pàrant air Seachdain nan Sgoiltean agus Sgeama Comhairleachaidh Phàrant
  • Buidheann còmhraidh gach madainn Diluain aig Caffè Nero air Sràid a' Phrionnsa
  • Cuairtean taobh a-muigh a' bhaile gus ceangalan a neartachadh le Gàidheil eile
  • Ag obrachadh gu dlùth le oifigearan Gàidhlig eile sa bhaile gus tachartasan coimhearsnachd a chuir air dòigh

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach