Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

18mh Gearran 2013

Bidh suas ri 25 oileanaich a’ faighinn cothrom greis gnìomhachais a chuir seachad rè mìosan an t-samhraidh, fo Sgeama Greis Gnìomhachais Chomunn na Gàidhlig (CnaG)

Dh'fhoillsich CnaG an-diugh gum bidh iad a’ toirt cothrom do suas ri 25 oileanach, aig a bheil Gàidhlig, pàirt a ghabhail san sgeama, còmhla ri gnìomhachasan is buidhnean a tha ag obair tron Ghàidhlig, nan coimhearsnachdan fhèin.

Tha an sgeama, a th’ air a bhith a’ ruith gu soirbheachail airson 11 bliadhna, a’ toirt cothrom do na h-oileanaich blasad fhaighinn air diofar obraichean còmhla ri buidhnean agus gnìomhachasan, a tha ag obair tron Ghàidhlig, gus gach cuid piseach a thoirt air ìre fileantais an cuid Gàidhlig agus cuideachd airson eòlas a thoirt dhaibh air àrainneachd àite-obrach.  Tha an sgeama cuideachd a’ toirt cothrom cosnaidh dhaibh.

A thuilleadh air na buannachdan a th’ ann do na h-oileanaich, tha buannachd san sgeama do na buidhnean is gnìomhachasan, leis gu bheil cothrom aca oileanaich aig am bheil sgilean sònraichte fhastadh airson mìosan an t-samhraidh gum buannachd fhèin.  Tha e cuideachd a’ toirt a’ chothrom dhaibh eòlas fhaighinn air oileanaich a bhios a’ ceumnachadh ann an ùine nach bidh ro fhada, le sùil air dreuchdan a bhios iad airson a lìonadh sna bliadhnachan ri teachd.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Tha sinn moiteil às an sgeama sa agus air leth toilichte gu bheil sinn air chothrom a’ ruith am bliadhna sa a-rithist.  Tha sinn a’ coimhead a’ bhuannachd a tha na h-oileanaich a’ faighinn aiste le bhith a’ gleusadh an sgilean Gàidhlig agus a’ faighinn deagh chothrom air diofar sgilean san àite-obrach a thogail as ùr.  Tha sinn taingeil do Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar airson a bhith a’ maoineachadh an sgeama.”

Thuirt Nial Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachd aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), “Tha an sgeama a tha seo a’ toirt taic ann a bhith a’ libhrigeadh prìomhachasan HIE mu neartachadh coimhearsnachdan.  Tha i a’ cuideachadh le bhith a’ glèidheadh agus a’ toirt fàs air daoine òga ag obair agus a’ fuireach ann an sgìrean dùthchail.  Tha an sgeama cuideachd a’ toirt cothrom dhan òigridh ceangal a dhèanamh le luchd fastaidh ionadail agus a’ fosgladh dhorsan gu cothroman cosnaidh san àm ri teachd.”

Thuirt an Comhairliche Iain A MacÌomhair, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar, “’S e sgeama a tha seo a th’ air a bhith ag obair gu soirbheachail a’ toirt cosnadh agus trèanadh do dhaoine òg nan coimhearsnachdan fhèin.  Tha e cudromaich dhuinne an seo sna h-Eileanan Siar gu bheil gnìomhachasan cho taiceil dhan sgeama.  Tha sinn ag aithneachadh a’ bhuannachd a tha na h-oileanaich a’ faighinn san àite-obrach gach cuid le bhith gam misneachadh gus a bhith gleusadh nan sgilean Gàidhlig aca agus mar a bhios iad gan giùlain fhèin an àrainneachd àite-obrach.  Tha an sgeama na bhuannachd dhan luchd fastaidh leis gu bheil iad a’ togail eòlais air na sgilean a th’ aig an òigridh, gu sònraichte an fheadhainn aca a tha faisg air a bhith a’ ceumnachadh.”

Bu chòir do dh’oileanaich a tha airson pàirt a ghabhail ann an sgeama na bliadhna-sa iarrtas a chuir gu Comunn na Gàidhlig, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ, ro 9 Màrt 2013. Tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais an seo.

Bu chòir do bhuidhnean, a tha a’ stiùireadh an gnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig, a tha airson pàirt a ghabhail san Sgeama fios a chuir gu CnaG aig an oifis ann an Inbhir Nis.  Fon: 01463 234138 agus P-dealain: Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2013 air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar agus air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach