Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Coinneach Mac a' Ghobhainn a tha ag obair aig a' BhBC tron sgeama

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air Sgeama Luchd Ceumnachaidh 2013/14 a chuir air bhog agus iad a’ tabhann taic airson ceathrar luchd ceumnachaidh fon sgeama.  Tha CnaG airson cluinntinn bho luchd ceumnachaidh aig am bheil Gàidhlig agus a tha airson cuir a-staigh airson compàirteachadh air an sgeama. Tha CnaG cuideachd airson cluinntinn bho bhuidhnean agus companaidhean a tha ag obair tro Ghàidhlig aig am bitheadh neach ceumnachaidh fhastadh airson bliadhna.

Tha an Sgeama Luchd Ceumnachaidh, a th’ air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, a’ toirt a’ chothrom do Ghàidheil òga a’ chiad cheum a ghabhail ann an saoghal na h-obrach le bhith a’ toirt obair fad bliadhna dhaibh, a’ toirt cothrom dhaibh a bhith an sàs ann an raon fharsaing de dhreuchdan Gàidhlig agus a bhith ag obair ann an àrainneachd Ghàidhlig.  Tha an sgeama a’ tabhann tuarastal de co-dhiù £17k sa bhliadhna don luchd ceumnachaidh agus bidh iad cuideachd a’ faighinn cothrom cùrsa fèin leasachaidh a fhrithealadh a bhios feumail dhaibh agus cuideachd a chuireas rin cunntas-beatha.  Tha an sgeama feumail do na buidhnean is companaidhean a bhitheas a’ fastadh an luchd ceumnachaidh leis gu bheil iad a’ faighinn daoine òg, làn misneachd is spionnadh, le sgilean sònraichte a’ toirt cothrom dhan buidhnean a bhith a’ leudachadh an cuid obrach agus na seirbheisean a tha iad a’ tabhann.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Tha an sgeama a tha seo feumail ann a bhith a’ cruthachadh obraichean tarsainn raon farsaing de ghnìomhachasan do luchd ceumnachaidh aig am bheil Gàidhlig.  Tha e cudromach gu bheil cothroman obrach ann do luchd na Gàidhlig tarsainn gach gnìomhachas agus anns gach ceàrnaidh de dh’Alba.  A thuilleadh air a bhith a’ toirt daoine òg le sgilean sònraichte, làn misneachd is spionnadh chun na gnìomhachasan sin, tha e cuideachd a’ neartachadh na Gàidhlig taobh a-staigh na gnìomhachasan sin.  Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic a tha leigeil leinn an sgeama a ruith.”

Thuirt Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, Iain Caimbeul: “Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chumail ris an sgeama seo a-rithist. Tha luchd-fastaidh a’ coimhead barrachd is barrachd airson daoine fhastadh aig a bheil sgilean pragtaigeach a thuilleadh air teisteanasan foghlaim. Tha sgeamaichean luchd-ceumnachaidh a’ toirt deagh chothrom eòlas obrach a thional le bhith cuideachadh buidhnean aig an aon àm –  s e dòigh a th’ ann cuideachd an ath ghinealach a thrèanadh airson an àite obrach.”

Gheibh luchd ceumnachaidh aig am bheil ùidh san sgeama foirm iarrtais an seo. Bu chòir do bhuidhnean agus companaidhean aig am bheil ùidh san sgeama fios a chuir gu Calum Iain MacLeòid, Oifis ChnaG, Steòrnabhagh fòn 01851 701802 no Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach