Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha ceithir cothroman cosnaidh do luchd ceumnachaidh air fhoillseachadh an diugh le Comunn na Gàidhlig, (CnaG).  Tha seo mar phàirt de Sgeama Luchd Ceumnachaidh 2013/14.  Tha an Sgeama, a th’ air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, ag amas air luchd ceumnachaidh aig am bheil Gàidhlig agus a bu mhiann obair fhaighinn ann an roinnean leasachaidh Gàidhlig.  ‘S iad na ceithir dreuchdan a thathas a’ foillseachadh an-diugh, Oifigear Eadar-lìn is Fiosrachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, stèidhte an Inbhir Nis, Oifigear Margaideachd agus Oifigear Trusaidh is Margaideachd aig Sabhal Mòr Ostaig, stèidhte an Slèite san Eilean Sgitheanach agus Co-òrdanaiche/Neach-taic Tasglainn aig Comunn Eachdraidh Cheann a Loch, stèidhte am Baile Ailean, Na Lochan, Leòdhas.

Thuirt Leasaiche Cànain Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag: “Anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012-17 tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh cho cudromach sa tha an àite-obrach mar mheadhan air neartachadh cleachdadh na Gàidhlig, sgilean cànain agus inbhe na cànain.   Tha an sgeama seo air a bhith feumail gus cothroman ùra a chruthachadh do luchd-ceumnachaidh agus aig an aon am, sgilean is eòlas ùr a thoirt dhan luchd-fastaidh.  ‘S e an amas a th’ againn aig a’ cheann thall, gum bi barrachd ‘s barrachd àitean-obrach ann an Alba far am bi luchd-obrach a’ cleachdadh na Gàidhlig gu nadarra agus a’ toirt seachad seirbheis tro mheadan na Gàidhlig dhan phoball mar rud àbhaisteachd.”

Tha an Sgeama Luchd Ceumnachaidh, a’ leigeil le Gàidheil òga a’ chiad cheum a ghabhail ann an saoghal na h-obrach le bhith a’ toirt obair fad bliadhna dhaibh; a’ toirt cothrom dhaibh a bhith an sàs ann an raon fharsaing de dhreuchdan Gàidhlig; agus a bhith ag obair ann an àrainn Ghàidhlig. Tha an Sgeama a’ tabhann tuarastal de co-dhiù £17k sa bhliadhna don luchd ceumnachaidh agus bidh iad cuideachd a’ faighinn cothrom cùrsa fèin leasachaidh a fhrithealadh a bhios feumail dhaibh agus cuideachd a chuireas rin cunntas-beatha

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Bòrd na Gàidhlig a’ toirt aithne do luach an Sgeama sa le bhith a’ toirt ionmhas dhuinn airson ceathrar luchd ceumnachaidh fhaighinn a-steach a dhiofar ghnìomhachasan.  Tha na dreuchdan a tha sinn air fhoillseachadh an-diugh a’ toirt a’ chothrom do luchd ceumnachaidh, a tha fileanta sa Ghàidhlig agus aig am bheil sgilean riatanach, cur ris an obair a tha na buidhnean a’ dèanamh mar-thà, a’ togail air na sgilean a chaidh ionnsachadh tron chùrsa foghlaim, agus a’ togail sgilean ùra mar a thathas a’ dol air adhart.  Tha sinn airson cluinntinn bho luchd ceumnachaidh aig am bheil ùidh sna dreuchdan sa cho luath sa ghabhas, le sùil gun tèid an lìonadh sa mhìos air toiseach oirnn.”

Tuilleadh fiosrachaidh mu na ceithir dreuchdan an seo no cuiribh post-d gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

'S e 19mh Ògmhios an ceann-là mu dheireadh airson iarrtasan.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach