Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Ri Chèile 2013B' i Peigi Ann Scott, sgoilear o Sgoil MhicNeacail, a thog duais airson an neach-òraid a b' fheàrr san roinn Albannach de, Ri Chèile, an co-fharpais labhairt poblach eadar Alba is Èireann.

B' e gairm làidir airson àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh an Leòdhais an cuspair a bh' aice. Na h-òraid, bhruidhinn Peigi Ann air feumalachd àrainneachd a leigeadh le òigridh an Eilein fàs suas gu tur fileanta agus comhfhurtail a' Ghàidhlig a chleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean, agus cho deatamach agus a bha àrd-sgoil Ghàidhlig, eadhon do dh' òigridh mar i fhèin, a bh' air a bogadh gu tur sa Ghàidhlig air Taobh Siar Leòdhais.

Ghlèidh Peigi Ann sa roinn Albannach dhen co-fharpais, b' i Cuisle Nic Liam à Sgoil Ghràmar Naomh Dominic ann am Beul Feirste a bhuannaich sa roinn Èireannach agus b' e Jack Walsh à Colaiste Eòin, sgoil Ghàidhlig ann am Baile Átha Cliath a tuath a bhuannaich an co-fharpais gu h-iomlan.

Thuirt Alison Cheanadach, o Sgoil MhicNeacail, a bha còmhla ris na sgoilearan, "Fhuair na sgoilearan dheagh chothrom coinneachadh ri sgoilearan ùra à Alba agus Èirinn aig co-fharpais Ri Chèile. 'S e turas air leth a bh' ann a thug sealladh dhaibh air cultar na h-Èirinn agus an àite a th' aig Gaeilge taobh a-staigh na dùthcha. Thug a' cho-fharpais misneachd dhaibh a bhith a' bruidhinn Gàidhlig agus a' leasachadh na sgilean aca a' lìbhrigeadh òraid. Chòrd an turas ris a h-uile duine a bha an sàs ann."

Choinnich 50 oileanach agus luchd-teagaisg ann am Beul Feirste airson Ri chèile, tachartas a tha a' toirt cothrom do dh' òigridh Gàidhlig na h-Alba is Gàidhlig na h-Èirinn an cuid cànain a chleachdadh air falbh on sgìrean fhèin, agus an cànan agus cultar a roinn. Chaidh còig àrd-sgoiltean Albannach a riochdachadh aig Ri Chèile 2013 – Sgoil Mhicneacail ann an Leòdhas; Acadamaidh Inbhir Pheofharain; Àrd-Sgoil Ghlinn Challdair ann an Cille Bhrìghde an Ear; Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu; agus Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbuig ann an Dùn Èideann. A bharrachd air an co-fharpais labhairt, fhuair iad cothrom rudan inntinneach eile a dhèanamh leithid cèilidh Ghàidhlig sa Chulturlann; farpais-cheist Ghàidhlig; agus cuairt dhan taigh-tasgaidh 'Titanic'.

B' iad Gael Linn agus Comunn na Gàidhlig (CnaG) a chuir Ri Chèile air dòigh agus chaidh a mhaoineachadh le Colm Cille, compàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach