Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Bithidh còrr is leth-cheud Gàidheil òga bho air feadh Alba a’ dèanamh air Inbhir Nis air an t-seachdain-sa, is iad a’ sùileachadh soirbheachas-spòrs.

Thèid cuairtean deireannach Cuach na Cloinne 2013 an cumail sa bhaile Diardaoin, le sgoiltean bho air fheadh Alba a’ sabaid airson tiotal na bliadhna.

Tha na cuairtean deireannach a’ leantainn sreath de fharpaisean roinneil a chumadh an diofar cheàrnaidhean de Alba far an deach na deich sgiobannan a b’ fheàrr troimhe gu cuairtean deireannach na seachdain sa.  Ghabh 37 sgiobannan bho 20 sgoil pàirt sna farpaisean roinneil.  ‘S iad na sgiobannan a bhios a’ gabhail pàirt sna cuairtean deireannach, Bun-sgoiltean a’ Bhac, Siabost, Crois na Cìse (2), An Gearasdan (2), Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain, Port Rìgh agus Cille Mhoire is Stafainn.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG a tha a’ cur an fharpais air adhart, “ Tha e na thogail inntinn a bhith a’ coimhead na tha seo de dh’ an òigridh o gach ceàrnaidh de Alba a’ gabhail pàirt san fharpais. Tha còrr air 250 duine cloinne air cluich san fharpais agus saoilidh mi gu bheil deagh spòrs air a bhith aca. Se feallsanachd a th’ air cùlaibh Cuach na Cloinne gu bheil an òigridh a’ faighinn beagan eacarsaich, cothrom coinneachadh ri òigridh eile bho air feadh Alba, cothrom a bhith a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile agus os cionn gach rud gum bidh deagh spòrs aig an òigridh.  Tha mi a’ guidhe gum bidh na cuairtean deireannach cho soirbheachail agus a bha na farpaisean roinneil agus a’ guidhe gach dùrachd do gach sgioba.”

Thuirt Pròbhaist Cathair Baile Inbhir Nis, Ailig Greumach, a tha e fhèin fileanta sa Ghàidhlig, “S e co-fharpais ball-coise nàiseanta a th’ ann an Cuach na Cloinne, a tha a’ cruthachadh chothroman do dhaoine òg bho sgoiltean air feadh na h-Alba a tha a’ dol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, gus coinneachadh agus strì a dhèanamh an aghaidh a chèile.  Tha seo a’ ceangal an cuid sgilean labhairt Gàidhlig agus sgilean ball-coise ann an dòigh spòrsail agus coileanta.

Tha sia sgiobaidhean bho sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd a’ gabhail pàirt uile gu lèir, agus tha e math dha rìribh gu bheil an cothrom aca Gàidhlig a bruidhinn agus conaltradh a dhèanamh le caraidean aig tachartas neo-fhoirmeil leithid seo.” 

Lean e air, “Tha e mar phàirt de Phlana Gàidhlig na Comhairle gum bi sinn ag obair ann an com-pàirteachas le Comunn na Gàidhlig gus taic a thoirt seachad do thachartasan spòrs iomchaidh tro mheadhan na Gàidhlig agus tha Cuach na Cloinne na shamhla den taic leantainneach sin.”

Thèid cuairtean deireannach Cuach na Cloinne 2013 an cumail air Diardaoin 13 Ògmhios, a’ tòiseachadh aig 12.00m aig Pàirce Bught, Inbhir Nis.

'S e farpais ball-coise nàiseanta do bhun-sgoiltean Ghàidhlig na h-Alba a th’ ann an Cuach na Cloinne agus chaidh farpais na bliadhna sa a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus MG ALBA agus air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach