Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

'S iad Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thog tiotal Cuach na Cloinne 2014. An dèidh sia farpaisean roinneil air feadh Alba, thairis a' mhìos a chaidh seachad, rinn Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an gnothach air Bun-sgoil Chondobhrait aig na cuairtean deireannach a chumadh an Inbhir Nis an t-seachdain a chaidh.

Se farpais ball-coise do chlann-sgoile eadar P4-7, a tha leantainn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, a th' ann an Cuach na Cloinne agus ann am farpais na bliadhna sa bha 44 sgiobannan bho 24 sgoiltean a gabhail pàirt. Chaidh farpaisean roinneil a chumail an bliadhna sa an Leòdhas, Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, An t-Òban agus Glaschu leis na sgiobannan soirbheachail sna farpaisean roinneil a' dol troimhe chun cuairtean deireannach.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, a tha a' cur an fharpais air adhart: "Tha Cuach na Cloinne air cliù a chosnadh dha fhèin agus tha e a-nis gu mòr stèidhte ann am mìosachan nan sgoiltean, leis a' chlann gu mòr a' coimhead air adhart ris. Bha farpais air leth soirbheachail againn air a' bhliadhna sa le faisg air 300 duine cloinne a' gabhail pàirt ann. Bha ìre a' bhall-coise aig ìre sònraichte àrd ach, aig a' cheann-thall, se a tha cudromach gu bheil an fharpais a' còrdadh ris a' chlann agus gu bheil iad a' faighinn cothrom air beagan spòrs, caraidean ùra a dhèanamh agus seo uile tron cànan fhèin."

Chaidh cupa Cuach na Cloinne a thoirt don sgioba shoirbheachail le Probhaist Cathair-bhaile Inbhir Nis, Ailig Greumach a tha cuideachd na chomhairliche air Comhairle na Gàidhealtachd. Thuirt Mgr Greumach: "Tha Cuach na Cloinne a-nis stèidhte ann am mìosachan nàiseanta spòrsan òigridh. Tha an fharpais air fad air a chumail tron Ghàidhlig agus tha e na dheagh eisimpleir son a' chlann an sgilean Gàidhlig a chleachdadh ann an cur-seachadan taobh a-muigh na sgoile."

Lean e air: "Tha Comhairle na Gàidhealtachd toilichte taic a chuir ris an fharpais a tha leasachadh sgilean Gàidhlig an òigridh agus a tha a cruthachadh deagh chàirdeas thairis sgoiltean Ghàidhlig na h-Alba. Tha ìre com-pàirteachaidh san fharpais sònraichte làidir agus tha mo bheannachd aig gach duine cloinne a ghabh pàirt ann."

Thuirt an Comhairliche Iain A MacÌomhair, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar: "Tha Comhairle nan Eilean Siar air leth toilichte a bhith a' cumail taic ri Cuach na Cloinne. Tha e cudromach gu bheil cothrom aig a' chlann a tha a' dol tro fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a' faighinn cothroman an cuid Gàidhlig a cleachdadh agus a leasachadh taobh a muigh na sgoile ann an tachartasan spòrs agus ciùil."

Lean e air: "Tha sinn dìreach an t-seachdain sa fhèin air neach spòrs às na h-Eilenanan, a chaidh tro foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, fhaicinn air a h-ainmeachadh mar phàirt de sgioba Bhreatainn airson Geamannan Co-fhlaitheas Ghlaschu – co aige a tha fios nach bidh cuid de na cluicheadairean a bha a' gabhail pàirt an Cuach na Cloinne an dràsta a' cluich do Alba, an Cuach na Cruinne san àm ri teachd!"

Chaidh Cuach na Cloinne 2014 a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd le taic bho LearnGaelic.net (www.learngaelic.net) agus chaidh a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Son tuilleadh fiosrachaidh Dòmhnall MacNèill, Ceannard, Comunn na Gàidhlig, 01463 234138

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach