Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

‘S iad Bun-sgoil Lacasdail a thog tiotal Cuach na Cloinne 2015, a’ toirt a’ chupan tarsaing a’ Chuan Sgìth airson a’ chiad uair.  An dèidh sia farpaisean roinneil air feadh Alba, thairis a’ mhìos a chaidh seachad, rinn Bun-sgoil Lacasdail an gnothach air Bun-sgoil Phort Rìgh sa chuairt deireannach, a chumadh an Inbhir Nis an de, 27 Cèitean.

Se farpais ball-coise do chlann-sgoile eadar P4-7, a tha leantainn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, a th’ ann an Cuach na Cloinne agus ann am farpais na bliadhna sa bha 48 sgiobannan bho 29 sgoiltean a gabhail pàirt.  Chaidh farpaisean roinneil a chumail an bliadhna sa an Leòdhas, Uibhist, An t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, An t-Òban agus Glaschu leis na sgiobannan soirbheachail sna farpaisean roinneil a’ dol troimhe chun cuairtean deireannach.

Chaidh cupa Cuach na Cloinne a thoirt don sgioba shoirbheachail le Iar-Phrobhaist Cathair-bhaile Inbhir Nis, a’ Bh-ph. Bet Nic Alasdair.  Thuirt an Comhairliche Nic Alasdair: “Tha Cuach na Cloinne a-nis stèidhte ann am mìosachan nàiseanta spòrsan òigridh.   Tha mi toilichte gu bheil an farpais soirbheachail, agus le bhith air a chumail gu tur sa Ghàidhlig, tha e a’ cur ri foghlam an òigridh taobh a-muigh a’ chlas.  Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhan òigridh an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an cur-seachadan spòrsail.”

Lean i oirre: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd toilichte taic a chuir ris an fharpais a tha leasachadh sgilean Gàidhlig an òigridh agus a tha a cruthachadh deagh chàirdeas thairis sgoiltean Ghàidhlig na h-Alba.  Tha ìre com-pàirteachaidh sgoiltean na Gàidhealtachd san fharpais sònraichte làidir agus tha mo bheannachd aig gach duine cloinne a ghabh pàirt ann.”

Thuirt an Comhairliche John A MacÌomhair, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar: “Tha mi a’ cur meala naidheachd air Sgoil Lacasdail airson cho math sa rinn iad an fharpais a tha seo a ghleidheadh.   Le faisg air 50 sgiobannan a’ gabhail pàirt san fharpais rinn iad sònraichte math tighinn a-mach am bàrr.  Tha Comhairle nan Eilean Siar air leth toilichte a bhith a’ cumail taic ris an fharpais sa leis gu bheil e a’ toirt cothrom do chlann nan eilein compàirteachadh ann am farpais spòrs aig ìre nàiseanta, a th’ air a chumail gu tur sa Ghàidhlig.” 

Lean e air: “Tha seo na dhearbhadh gu bheil sgiobannan nan eilein air chomas ceann a mhaide a chumail ri sgiobannan bho air feadh Alba ann an cur-seachadan spòrsail agus tha e cudromach gu bheil cothroman ann dhaibh seo a dhèanamh agus gu dearbha tha sinn a’ cur fàilte air a’ chuach a bhith a’ tighinn dha na h-Eileanan an Iar airson a’ chiad uair.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, a tha a’ cur an fharpais air adhart: “Tha Cuach na Cloinne air cliù a chosnadh dha fhèin agus tha e a-nis gu mòr stèidhte ann am mìosachan nan sgoiltean, leis a’ chlann gu mòr a’ coimhead air adhart ris.  Bha farpais air leth soirbheachail againn air a’ bhliadhna sa le còrr air 300 duine cloinne a’ gabhail pàirt ann.  Bha ìre a’ bhall-coise aig ìre sònraichte àrd ach, aig a’ cheann-thall, se a tha cudromach gu bheil an fharpais a’ còrdadh ris a’ chlann agus gu bheil iad a’ faighinn cothrom air beagan spòrs, caraidean ùra a dhèanamh agus seo uile tron cànan fhèin.”

Chaidh Cuach na Cloinne 2015 a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd agus chaidh a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach