Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Chaidh planaichean adhartach fhoillseachadh an diugh (Diciadain 14mh Dàmhair) le Comunn na Gàidhlig (CnaG) gus piseach mhòr a thoirt air na tha ri fhaighinn de chur-seachadan dùbhlanach tro mheadhan na Gàidhlig.
 
Cruthaichidh ‘Spòrs Gàidhlig’ – mar a thoirear air a’ bhuidheann ùr – cothroman a bharrachd do dhaoine òga an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh spòrsail is taiceil, tro dhiofar thachartasan is prògraman.  Bithidh seo na dheagh chothrom do sgoiltean cuideachd, a’ toirt cothrom dhaibhsan brath a ghabhail air prògram coileanta de thachartasan tro mheadhan na Gàidhlig.
 
Ma shoirbhicheas le na planaichean, chìthte sgioba air a chruthachadh le trèanadh sònraichte, air an comas farsaingeachd de thachartasan a’ lìbhrigeadh do dh’ òigridh tro mheadhan na Gàidhlig. Mar phàirt den aon phrògram, tha CnaG air iomairt ‘crowdfunding’ a chuir air dòigh cuideachd, feuch an tèid aca air meanbh-bhus a cheannach gus an cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh an prògram de thachartasan, a tha sìor a’ dol am meud.
 
A rèir ChnaG, ged a dh’fheuchar ri fuasgladh fhaighinn air an duilgheadas seo cheana, ‘s e glè, glè bheag de luchd-teagaisg a th’ ann le comas tachartasan a thoirt seachad dìreach anns a’ Ghàidhlig. Le siud, nuair a tha daoine òga an sàs ann an cur-seachadan dùbhlanach, tha iad ‘sa chumantas air an lìbhrigeadh ‘sa Bheurla. ‘S e an cunnart gum bheil an òigridh an uairsin a’ dèanamh an ceangal eadar a’ Bheurla agus tachartasan ‘cool’ is tarraingeach – rud a bhitheas na bhacadh dhan misneachd is ionnsachadh Gàidhlig aca.
 
Thathas air na molaidhean ùra seo a dheasachadh gu dìcheallach air a bhliadhna chaidh seachad. Chaidh Sgrùdadh-dearbhaidh a dhèanamh (faicibh ‘Fios son luchd-deasachaidh’) le luchd-comhairleachaidh neo-eisimeileach, agus b’ e an co-dhùnadh dhan tàinig iadsan gum bheil feum air a leithid a’ phròiseact gus taic a chumail ri leasachaidhean ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, is cuideachd gun robh coltas ann gum bitheadh e seasmhach mar ghnothachas ùr. Thugadh taic cuideachd dhan amas san ùine fada gus ionad chur-seachadan a-muigh stèidheachadh tro mheadhan na Gàidhlig.
 
A measg co-dhùnaidhean eile an rannsachaidh:
 
·         Tha trèanadh airson luchd-stiùiridh riatanach ma tha cothroman a bharrachd gu bhith ann a thaobh foghlam air a’ bhlàir a-muigh;
·         Dh’fhaodadh ionad cur-seachadan agus foghlaim a bhith air leth cudromach ann a bhith coileanadh amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig;
·         Tha coimhearsnachd na Gàidhlig agus creidseas sa phròiseact gu bhith air leth cudromach ann a bhith toirt a’ phròiseict gu buil agus a’ cur ionad cur-seachadan ‘s foghlaim air dòigh.  
 
Tha Comunn na Gàidhlig fhèin an sàs mu thràth ann a bhith a’ lìbhrigeadh farsaingeachd de chuir seachadan airson Gàidheal òga. Nam measg seo, tha na campaichean Sradagan, a tha tarraingeach do chlann eadar 8-12, agus pròiseactan ùra leithid na tursan sgì-eadh agus Duais Iain Muir a tha ga thoirt seachad ann an grunnan àitean. Thathas ag ràdha gum bheil an iarrtas airson na cur-seachadan seo a sìor èirigh, (faicibh “Fios son Luchd-deasachaidh’ )agus gur e siud, cuide ris an àrdachadh anns na th’ ann de chlann a’ leantainn FTMG, a thug iad dhan bheachd gun robh solarachadh ùr a dhìth le fòcas is comasan sònraichte.
 
Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill: “Tha sinn air leth taingeil dhar luchd-maoineachaidh, gu sònraichte Bòrd na Gàidhlig, leis gum bheil iad a’ toirt an cothrom dhuinn an obair a th’ againn an dràsta a chumail a’ dol. Ged-tà, tha sinn ag amas gum bith an iomairt ùr seo – a’ lìbhrigeadh barrachd thachartasan bho bhratach ‘Spòrs Gàidhlig’ – ag obair gu coimearsalta, is comasach seasamh air a’ chàsan fhèin aig ceann am prògram trèanaidh”
 
Thathas a’ dèanamh dheth gun cosg am pròiseact mu £430,000.  Ged a tha stòras aig CnaG fhèin a chuir ris a’ pròiseact, bithidh e a’ crochadh air taic airgid eile bhon taobh a-muigh airson a thoirt gu buil.
Thuirt Manaidsear a’ Phròiseict, Dòmhnall Morris: “Ged a tha cùisean aig ìre thràth fhathast, tha sinn air bruidhinn ri cuid a luchd-maoineachaidh mu thràth, nam measg LEADER, Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba, agus Spòrs Alba. An cuide ris an airgead a th’ againn fhìn, tha sinn misneachail gum faigh sinn taic gu leòr airson leigeil leinn gluasad air adhart.
 
“Ma thachras sin, ‘s e a’ chiad cheum suas ri sianar Gàidheil fhastadh airson cùrsa 10 seachdain, a bheireadh ‘blasad’ dhaibh air cùisean, às a seo bhitheadh sinn an dòchas gun leanadh ceathrar dhiubh seo air adhart gu bhith an sàs ann an prògram-trèanaidh fad-bhliadhna. Bheireadh seo dhaibh na teisteanasan a bhitheadh a dhìth a thaobh cur-seachadan a-muigh, ach cuideachd bhitheadh nithean eile na luib leithid briathrachas Gàidhlig, agus sùil air àite a’ chànain anns an àrainneachd a-muigh.”
 
Fhad’s a bhitheadh a’ chùrsa trèanaidh a’ dol bhithear a’ neartachadh obair mhargaidheachd, agus bhitheadh e na amas an uairsin a bhith a’ fastadh dithis dhan luchd-trèanaidh soirbheachail dhan chompanaidh ùr. A rèir an iarrtas air an obair, dheidheadh cothroman cosnaidh a bharrachd, ‘s mathaid ‘freelance’ a thabhann dhan dithis eile.
 
Aig an ìre tha seo, thathas an dùil gum bith a’ chùrsa ‘blasad’, agus am prògram trèanaidh bliadhna, air an lìbhrigeadh ann an compàirteachas le Ionad Spòrs an Lagan Liath faisg air Ceann na Creige.
 
Dòmhnall MacNèill a-rithist: “Tha sinne làn-chinnteach gum bheil feum air a’ phròiseact seo, agus cheart cho cinnteach gur e rud adhartach is soirbheachail a bhios ann. Aig deireadh an là, bhitheadh sinn airson ‘s gum bitheadh ionad-chur seachadan ann, stèidhichte is ag obair tro mheadhan na Gàidhlig, a’ tabhann cothrom dha Gàidheil òga a dhol an sàs ann an tachartasan spòrsail is dùbhlanach, gu tur tro mheadhan na Gàidhlig. Bhitheadh sinn an dòchas gum bitheadh iad a’ coimhead air an luchd-obrach sin mar modalan dhaibh fhèin a bhith a’ coimhead ri beò-shlàinte a thoirt às a’ Ghàidhlig .
 
Aig a’ cheart àm tha CnaG air iomairt ‘crowdfunding’ a chuir air bhog, le amas £10,000 a thogail gus an cuideachadh ann a bhith a’ ceannach meanbh-bhus. Chleachdar seo gus an cuideachadh leis am prògram thachartasan a tha a’ dol aca an dràsta, is cuideachd mu choinneamh obair ‘Spòrs Gàidhlig’ ‘san àm ri teachd.
 
Manaidsear a’ Phròiseict Dòmhnall Morris: “Leis gum bheil CnaG a’ tabhann cothroman is cur-seachadan do chlann bho air feadh Alba, gu math tric bithidh dùbhlain còmhdhail mar coinneamh. Tha e a’ cosg ùine is saothair a bhith a’ faighinn fuasgladh air seo, ùine a b’ fheàrr leinn a chosg ann a bhith a’ toirt piseach air na cur-seachadan fhèin. Tha sinn dhan bheachd gum bitheadh am prògram againn ga libhrigeadh le barrachd èifeachdas nam bitheadh meanbh-bhus againn.”
 
Crìoch.
 
Nòtaichean gu Luchd-Deasachaidh:
1. Chaidh an Sgrùdadh Dearbhaidh a dhèanamh do ChnaG le ‘Big Pond Scotland’, is chaidh a chrìochnachadh ‘sa Chèitein 2014.  Chosg an obair £25,000. Fhuaireadh taic mu choinneamh seo bho sgeamaichean ‘Investing in Ideas’ agus ‘Awards for All’ aig a’ Chrannchur Nàiseanta, Dualchas Nàdar na h-Alba, agus Bòrd na Gàidhlig.
 
2. Tha fàs mhòr air a thighinn air prògram chur-seachadan ChnaG ‘sna beagan bhliadhnachan chaidh seachad:
a)  Chleachd aon champa Sradagan a bhith ann, ‘son clann eadar 8-12, tha dhà ann a-nis
b)  Chumar a chiad turas sgì-eadh ann an 2013 le 16 an làthair; an uiridh bha dà thuras ann le 36 duine cloinne an làthair; bha aon champa ann, ach le 44 an sàs.
c)  Thòisich Duais Iain Muir ann an 2012 le 20 an sàs; am bliadhna-sa bha an àireamh ud air a dhol suas gu 60. Dhiubh siud bha 50 an làthair aig tachartas còmhnaidh ann an Tom an t-Sabhail.
d)  Turas a’ Bhaile Mhòir – iomairt ùr ann an 2012 le 10 an sàs, a-nis air fàs chun an ìre ‘s gum bheil 30 an làthair.
 
Tha iarrtas a bharrachd ann air a h-uile tachartas seo. Ach ‘s gann ‘s gun gabh iad leudachadh a thaobh meud sgioba ChnaG fhèin agus am feum a th’ ann gus leantainn ri ‘ratios’ freagarrach a thaobh inbhich:òigridh.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach