Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Chì sibh san dealbh Isla NicLeòid leis an dealbh a rinn i agus an duais a choisinn i, còmhla ri Lisa Moyes, Oifigear trusaidh na ColaisteChoisinn Isla NicLeòid, sgoilear ann am Bun-sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach, a' chiad duais ann am farpais a chuir Sabhal Mòr Ostaig OGE air chois. Fhuair clann bho bhun-sgoiltean Gàidhlig agus ionadan tro mheadhan na Gàidhlig cothrom air dealbh airson cairt Nollaig a dhèanamh agus cha mhòr nach d’ fhuair a' Cholaiste 450 dhiubh uile gu lèir. Fhuair Isla, a tha ann an Clas 6 aig an sgoil, camara didseatach agus lethbhreacan den chairt Nollaig, agus fhuair an sgoil seic airson £150. Fhuair Erin NicMhaolain, a tha ann an Clas 3 ann am Bun-sgoil Condorrat ann an Comar nan Allt, an dara duais agus buannaich i bocsa de stuthan ealain. Thuirt Lisa Moyes, a tha ag obair san roinn mhargaideachd aig Sabhal Mòr Ostaig: "Bha sinn cho toilichte gun d' fhuair sinn dealbhan bho sgoiltean air feadh Alba agus bha an àireamh cho mòr agus na dealbhan cho math gun robh e doirbh dhuinn na dealbhan a chosnadh na duaisean a thaghadh. Bu toigh leinn meal-a-naidheachd a chur air Isla agus Erin agus taing mhòr a thoirt dha na sgoilearan agus sgoiltean a chuir dealbhan thugainn - bha na fhuair sinn sònraichte math."

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach