Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Air an 26mh dhan t-Sultain, bidh sgoilearan bho 5 àrd-sgoiltean Albannach a’ tighinn gu Dùn Èideann, far am bi iad a’ coinneachadh ri clann-sgoile bho 5 sgoiltean à Èireann a Tuath agus 5 sgoiltean à Èirinn a Deas agus far am bi iad uile an sàs anns an tachartas shònraichte – Ri Chèile – a tha a’ comharrachadh nan ceanglaichean eadar an dà Èirinn agus Alba.

Tha 9 bliadhna bhon a chaidh a’ chiad ‘Ri Chèile’ a chur air chois, ’s e mar cho-obrachadh eadar Comunn na Gàidhlig agus Gael Linn agus, bhon uairsin, tha e air a bhith a’ tachairt, bliadhna ma seach, ann an Èirinn agus ann an Alba.

Mar phrìomh thachartas gach bliadhna, tha an deasbad eadar-nàiseanta – Fòram Cainte – agus na sgoiltean Albannach a bhios an sàs am bliadhna, tha Àrd-sgoil Sheumais Gillespie ann an Dùn Èideann fhèin, Àrd-sgoil MhicNeacail, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Acadamaidh Inbhir Pheofharain Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus Àrd-sgoil Ghlinn a’ Chaldair ann an Cille Bhrìghde an Ear.

A bharrachd air a bhith an sàs anns an deasbad, bidh cothrom aig na sgoilearan Èireannach beagan Gàidhlig ionnsachadh agus tadhail air Caisteil Dhùn Èideann. Cluinnidh iad mu chor na cànain ann an sgìre Dhùn Èideann fhèin ’s bidh cuairt mu baile Dhùn Èideann, far am faic iad mun cuairt An Taigh Tasgaidh Nàiseanta.

Cuideachd air a’ chlàr-ama, tha farpais-cheist dà chànanach agus oidhche ciùil – 3 làithean fìor thrang, ach fìor chothrom cuideachd mòran fhaicinn agus ionnsachadh agus, le cinnt, ceanglaichean a neartachadh le ar nàbaidhean Ceilteach.

Thuirt Daibhidh Boag, Leasaiche Cànain Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig; 
“’S e fear de phrìomh amasan Colmcille ceangalan a leasachadh eadar coimhearsnachdan Gàidhealaich ann an Alba agus Èirinn. Chan e a-mhàin gu bheil Ri Chèile a choileanadh an amais seo, ach tha e cuideachd a cuir taic ri prìomhachas ro-innleachdail Bhòrd na Gàidhlig a bhith cumail taic ri daoine òga ann am foghlam Gàidhlig le tachartasan a leasaicheas an cuid Gàidhlig. Tha e air leth math daoine òga bho air feadh Alba fhaicinn na lùib agus tha mi cinnteach gum bi Dùn Èideann na dheagh àite dhaibh tachairt ri an co-aoisean Èireannach tharais air làithean trang spòrsail.”

Tha Ri Chèile a’ faotainn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, Colm Cille, Comunn na Gàidhlig, Foras na Gaeilge agus Gael Linn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach