Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

An sgioba a bhuannaich

Tha Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich air Deasbad BT Alba 2012 a bhuannachadh agus is e seo a’ chiad turas a tha an sgoil air na cuairtean deireannach a ruighinn. Dhearbh Eòghann Peutan agus Breigha Mhoireasdain gur e iadsan a bha airidh air a’ phrìomh dhuais a-nochd aig Pàrlamaid na h-Alba, ach ‘s ann gu math faisg a bha a’ chuis eadar an da sgioba – cho faisg is nach robh na britheamhan ag aontachadh cò bu chòir a phrìomh dhuais a ghleidheadh! Às dèidh is cho faisg sa bha farpais na h-oidhche raoir bha làn fhios aig na britheamhan agus an luchd-èisteachd gu robh deasbad air leth gu bhith ri chluinntinn. Le Eòghann Peutan an làthair bha fhios gum biodh àbhachdas is fealla-dhà ri chluinntinn agus gu dearbha chòrd a’ chuis ris gach neach a bha an làthair. Ach cha b’ urrainn ach aon taobh a bhith soirbheachail agus is ann le ar caraidean a Baile Dhubhthaich a chaidh an oidhche. Bha brìgh, susbaint is stoidhle aig gach sgioba ann am pailteas.
An làthair aig Pàrlamaid na h-Alba bha Norrie MacIllInnein bho BBC Craoladh nan Gàidheal is e a’ toirt seachad an duais airson an òraidiche is fheàrr ann am farpais na bliadhna seo. Chaidh an urram sin a bhuileachadh air Isabell Bain bho Sgoil MhicNeacail. Bha na britheamhan gu sònraichte a’ moladh cho siubhlach is cho fileanta sa bha Isabelle.
Tha Comataidh Rianachd Deasbad BT toilichte ainmeachadh gu bheil BT air taic-airgid a thabhann airson farpais 2013. Leis an taic-airgid seo tha e a’ ciallachadh gum faod an obair ullachaidh tòiseachadh mu choinneamh Deasbad na h-ath bhliadhna is iad a’ comharrachadh còig bliadhna deug bhon chaidh e a’ stèidheachadh. Tha a’ Chomataidh air leth toilichte mun naidheachd seo.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach