Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha taic-airgid ga thairgse an dràsta do bhuidhnean coimhearsnachd agus gnìomhachasan a tha airson barrachd feum a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig.

Tha na sgeamaichean sùbailte, a’ ceadachadh taic a thoirt do raon farsaing de phròiseactan, bho soidhnichean is margaidheachd do ghnìomhachasan gu diofar seòrsa de phròiseactan coimhearsnachd.

Tha an taic sa ri fhaighinn bho Chomunn na Gàidhlig (CnaG) agus tha iad a’ sireadh thagraidhean an dràsta fhèin.

Thuirt Coinneamh MacIomhair, Cathraiche ChnaG: "Tha cùmhnant leasachaidh Gàidhlig againne le Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean (HIE), agus 's ann tron chùmhnant seo a tha an taic ri fhaighinn. Tha e ga thoirt seachad fo trì sgeamaichean: soidhnichean is margaidheachd dà-chànanach; ath-bheothachadh coimhearsnachd; agus sgeama son bathar neo rudan 'ùr gnàthachaidh' a thoirt dhan mhargaidh.

"Tha sinn air a bhith an sàs le na sgeamaichean seo airson grunnan bhliadhnachan a-nis, agus tha fios is dearbhadh againn gum bheil iad feumail, gach cuid dhan Ghàidhlig, agus dha na buidhnean a tha air an taic fhaighinn.

"Aig an ìre sa tha £60,000 againn ri roinn a-mach agus bhitheamaid dha rìreabh toilichte cluinntinn bho bhuidhnean neo dhaoine aig am bitheadh pròiseactan freagarrach."

Tha na sgeamaichean seo a’ tighinn gu crìch san t-samhradh 2013, ach tha CnaG a’ sireadh thagraidhean cho luath sa ghabhas. Tha na h-ìrean taic diofraichte tarsainn na sgeamaichean le suas gu 60% ri fhaighinn airson pròiseactan soidhnichean is margaidheachd dà-chànanach is ath–bheothachadh coimhearsnachd agus suas gu 90% airson pròiseactan ùr-gnàthachaidh le diofar shuimean is àirde a thèid a phàigheadh a-mach mu choinneamh gach sgeama. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn ùr ChnaG, www.cnag.org neo fòn a chuir chun na h-oifisean aca an Inbhir Nis neo Steòrnabhagh.

Thuirt Raonaid NicCharmaig,, Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachdan: “Tha HIE ag aithneachadh, agus airson a thomhas le rannsachadh ùr, an comas a th’ aig a’ Ghàidhlig a bhith air leth prìseil is luachmhor a thaobh leasachaidhean eaconomaigeach agus sòisealta air a’ Ghàidhealtachd’s na h-eileanan.

“Tha na sgeamaichean a tha seo, a tha CnaG a’ tabhann nan deagh chothrom am barrachd a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig, gu sònraichte ann an coimhearsnachdan cugallach na sgìre. Le bhith ag amas air prìomh raointean fàs mar turasachd agus na gnìomhachasan cruthachail leigidh an obair leinn tomhas buaidh nam pròiseactan ann a bhith a’ neartachadh ar coimhearsnachdan.”

Thuirt Alasdair Allan BPA, Ministeir airson Ionnsachadh is Sgilean agus Gàidhlig: “Tha mi a’ cur fàilte air a’ ghluasad sa, a leigeas do bhuidhnean an tuilleadh feum a dhèanamh dhan Ghàidhlig agus a chuireas ri oidhirpean a’ Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd.”

Am measg pròiseactan a fhuair taic o chionn ghoirid, bha taic do choimhearsnachd Uibhist a Deas teachd a-steach a dhèanamh à sgilean Gàidhlig ionadail agus taic do chomunn eachdraidh an Leòdhas soilleireachadh is leasachadh planaichean airson ionad ùr a stèidheachadh:

  • Chaidh taic a thoirt do Stòras Uibhist, uachdarainn coimhearsnachdan Uibhist a Deas, gus “clasaichean furachail Gaidhlig”, ag amas air luchd-ionnsachaidh aig àrd ìre, a chuir air dòigh an Uibhist a Deas agus na coimhearsnachdan mun cuairt. Stèidhte aig Loidse Ghrògaraidh, anns a’ phrògram bha clasaichean sa mhadainn, agus an uairsin diofar chuir-seachadan co-cheangailte ri clasaichean na maidne, mar eisimpleir, iasgach, cuairtean oirthir, tadhal air croit agus leasan goilf. Bha 11 luchd-ionnsachaidh bho air feadh Alba an làthair fad na seachdain. Thug e cothrom air leth dhaibh an ìre fileantais aca a leasachadh ann an coimhearsnachd beothail, Gaidhlig agus thug e teachd a-steach agus cothroman obrach chudromach dhan Urras.
  • Chaidh taic a thoirt do Chomunn Eachdraidh Nis, an Leòdhas gus rannsachadh air eachdraidh Sgoil Chrois a dhùin san t-Ògmhios 2011. Bha e mar phàirt den chùmhnant gum beachdaicheadh an rannsachadh gu sònraichte air de bhathas dol a dhèanamh le toglaichean na sgoile. A’ leantainn toraidhean an rannsachaidh, tha Comunn Eachdraidh Nis air tuilleadh airgead a thogail agus air na toglaichean a ghabhail os làimh agus mu thràth air 2 obair làn-ùine a stèidheachadh.
  • Chaidh taic-airgid, fon Sgeama Soidhnichean is Margaidheachd Dà-chànanach, a thoirt do Stiùideo Eadar Lochan, gailearaidh ealain ùr an Ceann a Deas na Hearadh airson bileagan margaidheachd agus soidhnichean airson an togalaich.
  • Chaidh taic a thaobh cànain (ged nach deach taic-airgid iarraidh) a thoirt do Rembrandt Timber Earranta gus a’ Ghàidhlig a cleachdadh nan soidhnichean air an toglaichean an Inbhir Nis, agus gus soidhnichean snasail ùra dà-chànanach a chruthachadh dha na carbaidean aca.
  • Chaidh taic-airgid a thoirt do “Ceitags”, (cafaidh an Gleann Dail, an Eilean Sgitheanach) airson soidhnichean dà-chànanach, agus airson seiseanan Gàidhlig a chumail dhan luchd-obrach, gus an toirt chun ìre a leigeil leotha còmhradh a chumail le luchd frithealaidh an àite, gach cuid luchd tadhail agus muinntir na àite fhèin.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach