Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Acair a' cosnadh duais'S iad Acair Earranta, companaidh foillseachaidh leabhraichean Gàidhlig, stèidhte an Steòrnabhagh, Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2012.

Tha an fharpais, a th' air a stiùireadh le Comunn Na Gàidhlig (CnaG) le taic o Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' toirt aithne don obair ionmholta a tha mòran chompanaidhean a' dèanamh nan raon fhèin agus aig an aon àm iad ga dhèanamh tron Ghàidhlig. A thuilleadh air a bhith a' toirt aithne do na companaidhean a tha a' cumail a' Ghàidhlig aig cridhe an cuid obrach an ceartuair, thathas an dòchas gum brosnaich an fharpais companaidhean eile gus a bhith a' strì gus iad fhèin a' bharrachd a dhèanamh tron Ghàidhlig.

'S e companaidh earranta a th' ann an Acair a chaidh a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh an 1997 gus goireasan Gàidhlig a chruthachadh do phròiseact ùr dà-chànanach. Lean agus leudaich an obair sin nuair a chaidh Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann am meadhan na 80an. An diugh tha iad fhathast a' foillseachadh agus a' reic leabhraichean Gàidhlig, gu h-àraidh do chloinn agus tha iad ag amas air leabhraichean ùr, tarraingeach agus inntinneach a chruthachadh, a chòrdas ri daoine agus a bheir cuideachadh dhaibh Gàidhlig ionnsachadh. Mar phàirt den oidhirpean nan leabhraichean aca a reic tha iad a' cleachdadh lìonraidhean agus meadhanan sòisealta gus gach cuid an gnìomhachas a bhrosnachadh agus cuideachd gus àite a thoirt dhan Ghàidhlig air an eadar-lìn

Chaidh tagraidhean na farpais am meas le panail de riochdairean o ChnaG, HIE agus Bòrd na Gàidhlig agus bha iad aontaichte aon-ghuthach gu robh Acair airidh air tiotal Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2012. Bha iad air misneachadh mar a bha a' Ghàidhlig air cridhe na bha Acair a' dèanamh taobh a-staigh na h-oifis, am measg luchd-ceannachd anns a' bùtha ach gu sònraichte mar a bha iad a' cleachdadh teicneolas ùr airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail am measg òigridh is luchd-ionnsachaidh. Chaidh Duais Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2012 a bhuileachadh air Acair le Alasdair Allan BPA, Ministeir an Riaghaltais airson Ionnsachadh is Sgilean agus Gàidhlig is Albais ann an Steòrnabhagh nas tràithe an-diugh.

Thuirt an t-Oll. Allan, "Tha mi air leth toilichte an cothrom fhaighinn gus duais a bhuileachadh air Acair airson an obair ionmholta a tha iad ris. Tha an duais sa a' toirt aithne dhan obair a tha gnìomhachasan a' dèanamh, gach cuid nam beatha làitheil agus san àite-obrach, gus a' Ghàidhlig a cumail sa neartachadh agus tha e cudromach gu bheil na cothroman sin, aig na Gàidheil an cànan fhèin a cleachdadh, air an dìon."

Thuirt Agnes Rennie, Manaidsear Acair, "Tha am Bòrd agus sgioba Acair air leth moiteil an duais seo a ghlèidheal am bliadhna. Tha làn fhios againn nach e dìreach obair na bliadhna sa a choisinn dhuinn an duais, ach dìcheall a liuthad duine th' air a bhi sàs an Acair ann an diofar dhòighean fad bhliadhnachan. 'S e obair thlachdmhor a th' ann a bhi ag obair còmhla ri luchd sgrìobhaidh agus dealbhadairean airson leabhraichean brèagha de gach seòrsa a chruthachadh agus tha an tuilleadh as a bheart!"

A thuilleadh air a' chiad duais, thathas cuideachd a' toirt duaisean don gnìomhachasan a bha, a rèir a' Phanail, san dàrna san treas àitean. B' iadsan, san dàrna àite le duais de £1,500, Comunn Eachdraidh Nis an Leòdhas agus san treas àite, le duais de £500, Seallam à Taobh Tuath na Hearadh.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, "Bha sinn air leth toilichte leis na tagraidhean a fhuair sinn airson farpais na bliadhna sa. Tha an fharpais air a bhith a' ruith a-nis airson trì bliadhna agus tha sinn a' coimhead thairis na trì bliadhna am farsaingeachd de ghnìomhachasan a tha a' dèanamh obair ionmholta, a' cleachdadh na Gàidhlig gum buannachd fhèin is gu buannachd dhan chànan. Tha e cudromach dhan Ghàidhlig gu bheil i air a cleachdadh agus air am faicinn anns gach raon de bheatha làitheil dhaoine agus tha gnìomhachas aig cridhe seo.

"Bu mhath leam taing a thoirt do Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson an taic gus leigeil leinn an fharpais sa a chuir air dòigh."

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach