Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

A' càradh càr

A’ Càradh Chàraichean

Disathairne 27mh An Dàmhair chaidh bùth-obrach a chumail aig Ionad na Seann Sgoil ann an Siabost le Denis bho ‘Denis Autos’. Còmhla ri fiosrachaidh feumail mu sealltainn as dèidh ar cuid chàraichean chuala sinn sgeulachdan mu iomadach seòrsa càr bho fear a tha gu math eòlach. Bha fealla-dhà gu leòr ann agus fior chòrd an latha ris a h-uile duine a bha an làthair!

Bidh bùithtean-obrach eile againn sna seachdainean a tha ri thighinn agus tha sinn an dòchas gun gabh sibh ùidh annta. ’S e amas nan tachartasan seo cothrom a thoirt do dhaoine (as bith dè cho fileanta) a thighinn còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh agus sgilean ùra ionnsachadh.

Alasdair MacLeòid

Sgilean Còcaireachd

Chaidh an dàrna bùth-obrach,‘cothroman cleachdaidh’ a chumail air Disathairne 3mh An t-Samhain.  Sheall Alasdair MacLeòid (An Rubha) dhuinn mar a dh’ullaichadh sinn biadh blasta, thoisich e le brot agus aran sòda, ’s e tunnag a bh’ aige airson an dàrna cùrs’ agus chrìochnaich e le milsean subh-làir. Chòrd am biadh agus an leasan gu mòr ris an naoi-deug neach a bha an làthair!

Bha an oidhche air leth soirbheachail, a thaobh an còcaireachd agus mar a chaidh Gàidhlig a chleachdadh le luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, càirdeil.  Leis cho soirbheachail ’s a bha an oidhche bidh sin ag obair còmhla gus Gàidhlig a bhrosnachadh sa coimhearsnachd le bhith a’ leudachadh na cothroman seo.

Chaidh na bùthan obrach seo a chuir air bhonn le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach