Tha thu an-seo: Dachaigh
Naidheachdan
Naidheachdan nas sine
Naidheachdan 2012
Curaidh, Quiz is Cèilidh!




Mar phàirt de obair Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus gus airgead a thogail don bhuidheann Comunn Eachdraidh Nis. Dh’obraich an dà bhuidheann còmhla gus oidhche shònraichte a chur air dòigh sa choimhearsnachd.
Airson beagan spòrs, agus, gus cothrom a thoirt do dhaoine an cuid Gàidhlig a chleachdadh, chaidh oidhche ‘Curaidh, quiz ‘s cèilidh’ a chuir air dòigh, an Comunn Eachdraidh Nis ann an Sgoil Chrois. Thòisich an oidhche le greim bidh Innseanach agus an dèidh dhan h-uile duine a bhith air an sàsachadh thòisich an Quiz! Agus abair gu robh farpais làidir ann, le 7 sgiobaidhean a’ gabhail pàirt.. A thuilleadh air an Iomairt agus an Comunn Eachdraidh. fhuaireadh taic cuideachd bhon iomairt ùr, “Include Us” leis an t-oifigear aca airson Nis is an Taobh Siar, Dòmhnall MacSuain a’ cumail cas a’ mhaide ris na sgiobaidhean mar fear an taighe air an fharpais. Se farpais gu math faisg a bh’ ann ach aig a’ cheann thall, ‘s iad an sgioba, ‘Faidhir Powerful’ a bh’ anns a’ chiad àite, a’ togail duais de £40 – suim a thug iad do Chomunn Eachdraidh Nis mar thiodhlac!! Nach b’ iad a bha coibhneil! Gus crìoch a chur air an oidhche chualas bho Chòmhlan Melodeon Nis agus iadsan mar is àbhaist ann an fonn mhath!
B’ e oidhche air leth soirbheachail a bh’ ann le deagh spòrs aig na bha an làthair. Bha an oidhche na deagh bhuannachd cuideachd bho thaobh na Gàidhlig leis gach cuid luchd-ionnsachaidh agus fileantaich den h-uile aois a’ cleachdadh agus a’ leasachadh ìre fileantais an cuid Ghàidhlig ann an àrainneachd gu math càirdeil is neo-fhoirmeil. Leis cho math agus a dh’ obraich an oidhche, tha na buidhnean an dùil tuilleadh oidhcheannan mar seo a chur adhart a chuidicheas le obair an dà bhuidheann agus a’ bhrosnaicheas a’ Ghàidhlig san sgìre.