Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Latha OilimpeachTha Sradagan An Taobh Siar, còmhla ri Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, air a bhith gu math fortanach is cothrom air a bhith aca coinneachadh ri sàr luth-chleasaiche, Jenny Nic an t-Sagairt a bha na pàirt den sgioba a bha a’ ruith leis an lasair (torch) oilimpigeach ann an Steòrnabhagh nas tràithe air a’ bhliadhna.  Fhuair clann na Sradagan cothrom an làmhan fhaighinn air an lasair agus na tiodhlacan sònraichte bho ‘coca-cola’.  Cuideachd, chuala iad mu cho dìcheallach sa dh’fheumas tu a bhith airson a bhith soirbheachail ann an spòrs.  Bha na Sradagan an uairsin an sàs ann an eileamadain de spòrs ’s iad gan stiùireadh fhèin tro ‘assault course’ airson beagan eacarsaich is spòrs!

Chòrd an oidhche riutha glan is bidh cuimhne aca gu bràth air an cothrom a fhuair iad le bhith a’ cumail an lasair!  Tha Sradagan a' toirt cothrom do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le òigridh eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn nach eil an lùib a’ Ghàidhlig ach a-mhàin sa sgoil fhèin. Tha Sradagan an Taobh Siar a’ coinneachadh gach Diluain an Sgoil Shiaboist bho 6-7.30f agus bidh fàilte chridheil air Sradagan ùr chun na seiseanan aca.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach