Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

'S e Coinneach MacÌomhair, bhon Bhac ann an Leòdhas a tha na Chathraiche ùr air Comunn na Gàidhlig (CnaG). Chaidh seo aontachadh aig coinneamh den chompanaidh an dè. (Dimàirt 6mh Samhain).

Bithidh an ìre mhath a h-uile duine ann an saoghal na Gàidhlig eòlach air 'Coinneach Mòr' mar chraoladair bho chionn iomadh bliadhna.

Bha Mghr MacÌomhair na bhall de bhòrd-stiùiridh ChnaG fad na còig bliadhna a dh'fhalbh is e a' riochdachadh Comhairle nan Eilean. Leis an eòlas sin, is an dealas a th' aige dhan Ghàidhlig agus dhan iomairt leasachaidh, cho-dhùin stiùirichean ChnaG gum bitheadh e iomchaidh dha rìreabh iarraidh air tilleadh dhan chompanaidh is dreuchd Chathraiche ghabhail.

 

Tha e a' gabhail an dreuchd bhon fhear-lagha neo-eisimeil Calum Duncan a Inbhir Nis a th' air a bhith na Chathraiche eadar-àmail bho chionn beagan mhìosan.

Thuirt Mhgr MacÌomhair: "Chòrd e riumsa a bhith an lùib obair ChnaG sna bliadhnachan a dh'fhalbh, is tha mi glè thoilichte a bhith a' tilleadh dhan bhuidheann. Le bhith a' gabhail an uallaich seo, chan eil agam ach an aon amas' is 's e sin a bhith a' dèanamh nas urrainn dhomh airson a' Ghàidhlig a thoirt air adhart. Tha mi gu math eòlach air farsaingeachd obair ChnaG, agus nì mi mo dhìcheall sin a ghluasad air adhart.

"Tha mi mothachail cuideachd nach eil mise ach a' leantainn sreath de dhaoine comasach a th' air a bhith ann an Cathair CnaG thar nam bliadhna. Tha urram agam dhaibhsan, is tha mi an dòchas gun tèid agamsa air a bhith cheart cho dìcheallach is adhartach nam ùine fhìn."

Tha Comunn na Gàidhlig na aonan de na buidhnean a tha ag obair gu cruaidh gus cor na Gàidhlig a' leasachadh air feadh Alba. Tha a' bhuidheann a' faighinn maoineachadh tro dà phrìomh chùmhnant le Bòrd na Gàidhlig, is Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, ach le taic chudromach a' tighinn cuideachd bho bhuidhnean eile leithid na h-ùghdarrasan ionadail.

Tha a' chompanaidh an sàs ann an raon farsuing de dh'obair; le gnìomhachas; coimhearsnachdan; agus gu sònraichte leis an òigridh.

Thuirt Ceannard ChnaG Dòmhnall MacNèill: "Tha sgioba ChnaG air fad a' cuir fàilte air an naidheachd gum bheil Coinneach gu bhith a' tilleadh chun a' Bhòrd Stiùiridh, agus gum bheil e air uallach a' Chathraiche ghabhail. Tha sinn, mar h-uile duine eile, gu math eòlach air Coinneach, is tha fhios againn gu bheil e taiceil, is dealasach dhan Ghàidhlig. Chan eil teagamh nach eil dùbhlain romhainn uile a tha an sàs ann an obair leasachaidh a chànain, ach le deagh thaic bhon bhòrd-stiùiridh, is an Cathraiche ùr, tha sinn misneachail gun tèid againn air dèiligeadh riutha."

"Chan eil teagamh ann a bharrachd gum bheil sinn a' dèanamh adhartas; gum bheil a' Ghàidhlig air stèidh nas làidire airson an àm ri teachd; agus ann a bhith ag obair còmhla ris an riaghaltas is ar compàirtichean eile, gu bheil sinn a' stèidheachadh suidheachadh far am faigh sinn air an tuilleadh a' dhèanamh."

Crìoch.

Airson an tuilleadh fios mun seo cuiribh fios gu Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill, air F: 01463 234138

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach