Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann air Ciorstaidh NicIlleathain a chur an dreuchd oifigear na h-Iomairt. Tha Ciorstaidh a tha air ùr cheumnachadh, bho thùs à Inbhir Nis, ach air a bhith am baile Dhùn Èideann fad iomadh bliadhna a-nis. Chaidh an naidheachd seo fhoillseachadh an-diugh le Comunn na Gàidhlig (CnaG), a tha a' stiùireadh nan Iomairtean Gàidhlig, às leth Bòrd na Gàidhlig.

 

Tha Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill air fàilte a chur air Ciorstaidh: "Tha mise gu math toilichte fàilte a chur air Ciorstaidh. Tha mi cinnteach gum bheil an dealas, na sgilean is na comasan aice a chuireas gu mòr ri leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann."

"Tha Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann air a bhith soirbheachail bho chaidh a stèidheachadh an 2010 agus tha mi cinnteach gun tog Ciorstaidh air an obair a tha mu thràth a' dol air adhart agus gun toir i spionnadh às ùr dhan Iomairt le bhith a' cur phròiseactan ùr air adhart. Tha mòran chothroman às ùr a thaobh leasachadh na Gàidhlig gu bhith an Dùn Èideann leis an sgoil ùr Ghàidhlig ga stèidheachadh agus tha sinne gu mòr airson a bhith ag obair gu dlùth leis an sgoil."

Thuirt Ciorstaidh, "Tha mi gu mòr a' coimhead air adhart ris an obair ùr aig Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann. Tha uidh mhòr agam anns a' Ghàidhlig agus tha mi toilichte an cothrom fhaighinn gus cuideachadh le piseach a thoirt air cùisean an Dùn Èideann, prìomh bhaile na h-Alba. Tha mi a' coimhead gu bheil cothroman às ùr gu bhith againn an seo leis an sgoil ùr agus chan eil againn ach coimhead tarsainn gu Glaschu agus Inbhir Nis, far am bheil sgoiltean Gàidhlig air a bhith stèidhte airson beagan bhliadhnachan gus faicinn an adhartas a ghabhas dèanamh. Tha mi gu mòr a' coimhead air adhart ri bhith ag obair le coimhearsnachd Dhùn Èideann ach gu sònraichte òigridh is luchd ionnsachaidh a' bhaile."

Tha seachd Iomairtean Gàidhlig a-nis stèidhichte ann an diofar seòrsa choimhearsnachdan air feadh Alba. Tha còig ann an sgìrean dùthchail: Leòdhas, Uibhist, an t-Eilean Sgitheanach Loch Abar agus Ìle is Diùra agus trì ann am bailtean mòra, Inbhir Nis, Glaschu is Dùn Èideann.

Tha na h-Iomairtean Gàidhlig stèidhte air modal a thogadh as a' Chuimrigh. An siud tha cuid aca air a bhith dol faisg air fichead bliadhna, is iad air gluasad gu seirbheisean eadar-dhealaichte a thoirt seachad leithid eadar-theangachadh, cùram chloinne is clasaichean Cuimris. Bidh iad a' faighinn teachd a-steach bho gach cuid an roinn phoblach agus an roinn phrìobhaideach, agus tha iad uile a' coimhead ris a' chànan Cuimreach a neartachadh aig ìre coimhearsnachd mar phrìomh amas.

Ged nach eil ach beagan bhliadhnachan bho thòisich a' chiad Iomairtean Gàidhlig ann an Alba tha iad mu thràth air buaidh mhath thoirt air a' Ghàidhlig sna coimhearsnachdan aca le tachartasan òigridh is coimhearsnachd – uile ag amas air cothroman cleachdaidh, neo cothroman ionnsachaidh na Gàidhlig a chur air bhonn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach