Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ cur làrach-lìn  ùr air bhog an diugh aig www.cnag.org agus an dùil gum bi e nas fhasa do choimhearsnachdan, buidhnean, companaidhean agus eile fiosrachadh fhaighinn air cothroman agus seirbheisean ChnaG.  Bidh an làrach ùr a’ toirt fiosrachadh seachad air obair òigridh, ghnìomhachais agus oileanaich.  A bharrachd, tha duilleagan air foghlam tron Ghàidhlig agus naidheachdan.  

A’ comharrachadh farsaingeachd obair ChnaG, tha an làrach-lìn stèidhichte air diofar roinnean.  Tha blog Gàidhlig ann cuideachd far a bheil luchd-obrach na buidhne a’ sgrìobhadh mun obair aca agus cuspairean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.  

Le CnaG a’ cur air dòigh diofar thachartasan òigridh, tha an làrach-lìn na dhòigh mhath airson foirmean clàraidh agus fiosrachadh fhaighinn.   

Gheibh companaidhean agus buidhnean fiosrachadh air taic-airgid airson soidhnichean agus pròiseactan coimhearsnachd.  

Tha fiosrachadh ùr ann cuideachd le mapaichean a’ comharrachadh shoidhnichean Gàidhlig, bun-sgoiltean le Gàidhlig agus far a bheil taic-airgid a’ dol.  
 
Tha an làrach ùr cuideachd a’ leantainn le duilleag sanasan-obrach far am faighear fiosrachadh air na cothroman-obrach co-cheangailte ris a’ chànan.  Tha CnaG an dùil an seirbheis seo a leudachadh sam àm ri teachd.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill: "Bithidh làraich-lìn a' tighinn is a' falbh, is 's dòcha nach e naidheachd mhòr sam bith a th' ann an sin, ach cnag na cùise ged tha gu bheil sinn a' feuchainn a dhèanamh nas fhasa do dhaoine fiosrachadh fhaighinn mu na diofar chothroman is tachartasan a tha sinn a' cur air dòigh tron Ghàidhlig, is mun obair san fharsaingeachd. 'S ann air an adhbhar sin as fhiach e an obair a dhèanamh, a bhith cinnteach gu bheil na goireasan teicnigeach seo cho tarraingeach, fosgailte is furasta chleachdadh 's a ghabhas."

Mar bhiodh an dùil na làithean-sa, tha an làrach ùr co-cheangailte ri Facebook.  
 
Tha CnaG an dùil tuilleadh roinnean agus fiosrachadh a chur air an làrach ùr thar na mìosan a tha romhainn.  

Siuthad ma tha! Tadhal air www.cnag.org airson cothroman Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach