Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Thèid a’ chiad dà chuairt den cheathramh Deasbad deug a chumail anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh an ath sheachdain, sin Diciadain agus Diardaoin an 7amh agus an 8amh là den t-Samhain 2012.  Anns an tachartas bhliadhnail, bidh dà sgioba thar fhichead bho naoi sgoiltean deug a’ gabhail pàirt anns a’ cho-fharpais chliùiteach agus tha seo a’ ciallachadh gur i am farpais as motha gu ruige seo.

Thèid an aon sgioba deug a ghlèidh bhon chiad chuairt còmhla ri aon sgioba eile a bha na britheamhan a’ faireachdainn a bha airidh air àite, troimhe chun dàrna cuairt.  Anns a’ chuairt seo bidh iad uile a’ deasbad air an aon chuspair.  Gheibh na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean troimhe chun iar-chuairt deireannaich a thèid a chumail ann an Dùn Èideann.  Tha fàilte chridheil air neach sam bith a bhith an làthair aig na Deasbadan seo.

Thèid na ceithir sgoiltean mu dheireadh air adhart chun iar-chuairt dheireannach a thèid a chumail ann an Ionad Sgeulachdan Dhùn Èideann air Dimàirt 27 Samhain agus gabhaidh a’ chuairt dheireannach àite aig Pàrlamaid na h-Alba aig Holyrood air Diciadain 28 Samhain. 

A’ tilleadh air ais airson an dàrna bliadhna nam britheamhan, tha Raonaid Nic a’ Phearsain agus Jo NicDhòmhnaill.  Bha Jo na Deasaiche aig BBC Craoladh nan Gàidheal airson iomadach bliadhna agus bha Raonaid na Iar-Cheannard air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.  Còmhla riutha am bliadhna seo bidh Iain Moireasdain, a bha uair na fhear naidheachd aig a’ BhBC agus a tha an-diugh os cionn a’ chompanaidh Morrison Media Solutions.  Thuirt Jo:

'Se dìreach tlachd is adhbhar misneachd a th'anns an Deasbad agus tha mise a' faireachdainn cho fortanach gu bheil an cothrom agam èisteachd ri daoine òga as gach ceàrnaidh den dùthaich a' deasbad air a h-uile seòrsa cuspair.  Tha iad cho siubhlach, cho eirmseach agus cho dòigheil.  Mholainn do dhuine sam bith aig a bheil an cothrom tighinn dhan èisteachd."

Tòisichidh a’ chiad chuairt de Dheasbad 2012 air Diciadain an 7amh aig 1.00f agus a-rithist aig 6.30f.    Is ann aig 2f feasgar Diardaoin 8amh a tha an dàrna cuairt a’ tòiseachadh.  Airson tuilleadh fiosrachaidh thèid gu làrach-lìn an Deasbad BT 2012, www.deasbadbtalba.com

Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh:

  • Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.
  • Tha taic agus maoineachadh cuideachd a thighinn bho Chomunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Pròiseact nan Ealan, agus a’ Bhuidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach