Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

O chionn ghoirid thàinig buidheann de dheugairean Èireannach gu Dùn Èideann, mar phàirt den fharpais dheasbad eadar-nàiseanta Ghàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

Breitheamhan agus Buannaichean Ri Chèile 2012

Dealbh a bhuidhinn buannachaidh bhon làmh chlì:
Britheamh - Seán Ó Gallchóir, Isabelle Bain, Bronagh McMullan, Kelly Brosnan agus Britheamh - Alison Ní Dhorchaidhe. Chaidh dealbh a bhuidhinn is motha a ghabhail aig Caisteil Dhùn Èideann.

Thàinig sgoilearan bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla cuide ri sgoilearan bho Dhùn Èideann fhèin, Glaschu, Inbhir Pheofharain, Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Cille Bhrìghde an Ear . A bharrachd air a bhith an-sàs anns an deasbad, bha cothrom aig na sgoilearan Albannach beagan Gaeilge ionnsachadh agus tadhail air Caisteil Dhùn Èideann. Bha cuairt mu baile Dhùn Èideann, far am faca iad mun cuairt An Taigh Tasgaidh Nàiseanta.

’S e Bronagh McMullan, Acadamaidh Naomh Pàdraig, a bhuannaich a’ phrìomh dhuais, le Isabelle Bàin, Àrd-sgoil MhicNeacail anns a’ chiad àite airson Alba agus Kelly Brosnan, Meánscoil Na Trócaire, Trá Lí, a’ tighinn anns a’ chiad àite airson Èirinn. Thuirt Isabelle, “Chòrd an turas rium uabhasach math agus bha mi toilichte gun d' fhuair mi an cothrom a dhol ann. Bha a h-uile duine uabhasach math air bruidhinn agus mar sin cha robh càil a dhùil agam buannachadh. Rinn mi caraidean ùra à Èirinn agus à Alba agus chòrd sin rium cuideachd.”.

An lùib chuspairean na bliadhna seo, bha ‘Ceanglaichean eadar Èirinn is Alba’, ‘Curraicealam airson Sàr Mhathais’ agus ‘Am bu chòir Alba a bhith neo-eisimeileach?’

Tha Ri Chèile a’ faotainn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig,Colm Cille, Comunn na Gàidhlig, Foras na Gaeilge agus Gael Linn.Farpasaich agus luchd-obrach

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach