Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha 25 oileanaich air an slighe air ais gu na cùrsaichean aca an colaistean is oilthighean na h-Alba an dèidh 10 seachdainean a chuir seachad ag obair còmhla ri diofar bhuidhnean is companaidhean nan coimhearsnachdan fhèin, mar phàirt de Sgeama Greis Gnìomhachais Chomunn na Gàidhlig. Tha an sgeama a tha seo, a th' air a bhith a' ruith gu soirbheachail airson 10 bliadhna, a' toirt cothrom do oileanaich aig a bheil Gàidhlig, 10 seachdainean a chuir seachad ag obair còmhla ri buidhnean is companaidhean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. Tha an Sgeama a' toirt cothrom dha na h-oileanaich ìre fileantais an cuid Gàidhlig a leasachadh agus sgilean an àite-obrach a thogail. A thuilleadh air an sin tha an Sgeama a' toirt cothrom dha na h-oileanaich mìosan an t-samhraidh a chuir seachad sna coimhearsnachdan aca fhèin agus aig an aon àm a' toirt cosnadh dhaibh. Air Sgeama na bliadhna sa, bha 12 oileanaich ag obair sna h-Eileanan an Iar, 5 san Eilean Sgitheanach, 4 an Inbhir Nis, 1 an Ìle agus 3 an Glaschu.

Thuirt Domhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, a tha a' ruith an Sgeama, "Tha sinn moiteil às an Sgeama a tha seo. Tha an Sgeama a' toirt eòlas dha na h-oileanaich air an àite-obrach agus a' toirt cothrom dhaibh sgilean às ùr a thogail, cuide ri bhith a' gleusadh an sgilean Gàidhlig. Tha i cuideachd a' toirt sealladh dhaibh air an seòrsa cothroman obrach a dh' fhaodadh a bhith ann dhaibh, nan coimhearsnachdan fhèin, aon uair agus gun cuir iad crìoch air an cuid foghlaim. Tha sinn taingeil dha na buidhnean a tha a' maoineachadh an Sgeama, Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar."

Thuirt Niall Ros, bho Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean, "Tha sinn a' meas gu bheil òigridh gu sònraichte cudromach nar n-oidhirpean a bhith a' neartachadh choimhearsnachdan agus tha an Sgeama a tha seo a' toirt a' chothrom do oileanaich an ceangal a th' aca len coimhearsnachd a chumail agus gu dearbha a neartachadh le bhith a' cur mìosan an t-samhraidh seachad ag obair annta. Tha sinn a' coimhead gu bheil buannachdan innte dha na h-oileanaich, na buidhnean is companaidhean a bhios gam fastadh agus cuideachd dha na coimhearsnachdan, leis na h-oileanaich a' faighinn a' cothrom tilleadh annta mìosan an t-samhraidh. Tha sinn a' coimhead, thairis nam bliadhnachan gu bheil mòran dha na h-oileanaich a th'air a bhith a' compàirteachadh san Sgeama nan oileanaich, a' faighinn cothroman obrach ann an saoghal na Gàidhlig nuair a bhios iad air crìoch a chuir air an cuid foghlaim."

Thuirt Dòmhnall MacGilleMhoire, Ceannard Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, "Bha e na thlachd a bhith an lùib na Sgeama Greis Gnìomhachais. Tha ùrachadh is fàs na bhunait shònraichte do leasachadh anns an t-saoghal mhòr agus tha am pailteas den sin ri lorg an lùib na h-iomairt sa. Thug na h-oileanaich togail mhòr don obair sam bheil sinne an sàs bho latha gu latha, agus a rèir an innse fhèin air a' ghnothaich, chòrd e riutha-san pailt cho math. Bha iad taingeil air àrainneachd làn Ghàidhlig fhaotainn, a rinn neartachadh air na sgilean cànain aca, fhad 's a bha iad an sàs ann an gnothachas làitheil. Rinnear oidhirp am barrachd farsaingeachd a chur ri mothachadh nan oileanach, tro chothrom a thoirt dhaibh tadhal air na buidhnean Gàidhlig eile a bha faisg air làimh. Shaoil leam gun robh a' chuairt seo air leth soirbheachail agus airidh air an oidhirp. Ged tha an sgeama seachad airson bliadhna eile, chì mi gum bi an ceangal eadar a' chompanaidh againne agus na h-oileanaich a' leantainn thar nan làithean agus nam bliadhnaichean ri teachd".

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach