Tha thu an-seo: Dachaigh
Naidheachdan
Naidheachdan nas sine
Naidheachdan 2012
Tàirneanaich a’ cruinneachadh airgid




6mh Iuchar 2012
Mar phàirt de Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, tha am buidheann òigridh, ‘Tàirneanaich’, air a bhith trang thairis air a’ bhliadhna a chaidh seachad a’ cur air dòigh diofar phròiseactan gus airgead a thogail do charthannasan ionadail. Am measg na h-iomairtean aca, chuir iad consairt beag air dòigh airson a’ buidheann ionadail Clann an Latha An-dè agus rinn is reic iad bèicearachd ann an Sgoil Shiaboist. Thog iad suim de £300. Chaidh tachartas beag a chuir air dòigh o chionn ghoirid far an deach seic de £150 a thoirt don charthannas Macmillan Cancer Support agus thuirt iad: ‘Tha Macmillan Cancer Support air leth thoilichte leis an taic a tha sinn a’ faighinn bhon òigridh san sgìre seo.’
Chaidh seic eile, airson £150, a thoirt do Alzheimer Scotland agus thuirt iadsan: ‘Tha sinn glan air ar dòigh gu bheil òigridh na sgìre sa cho coibhneil air an fheadhainn is sine.’
Anns an dealbh, tha cuid den òigridh, agus iad a’ toirt na seicean do Christine Nicleòid bho Macmillan Cancer Support agus Katag Nic a’ Phearsain bho Alzheimer Scotland. Bha cuid den òigridh a bha an sàs san iomairt ann a bhith a’ cruinneachadh an airgid nach robh air chomas a bhith an làthair aig an tachartas far an deach na seicean a thoirt seachad.