Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Thòisich Lisa Corse na manaidsear ùr aig Fàs Mòr, an t-ionad cùram-cloinne ann an Slèite, an t-seachdain seo. Tha Lisa air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig airson 14 bliadhna, agus airson a’ mhòr-chuid den ùine sin bha i ag obair an lùib foghlaim. Mus do thòisich i aig Fàs Mòr bha i na ceannard air Ionad-fàilte na colaiste.

’S e ionad cùram-cloinne Gàidhlig a th’ ann am Fàs Mòr, stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, a tha tabhann cùram do chloinn suas gu aois 12, agus tha 81 pàiste clàraichte aig an ionad an-dràsta. Chaidh Fàs Mòr a stèidheachadh ann an 2004 agus tha e air cliù a chosnadh dha fhèin agus e a’ toirt sàr sheirbheis dhan choimhearsnachd agus a’ dèanamh feum mòr dhan Ghàidhlig. Bidh e tric a’ faighinn moladh bho Luchd-sgrùdaidh nan Seirbheisean Cùraim nuair a bhios iad a’ dèanamh an sgrùdaidh bhliadhnail aca, agus bidh pàrantan cuideachd a’ moladh na seirbheis a gheibh iad fhèin is an cuid chloinne.

Thuirt Lisa: “Tha mi uabhasach toilichte a bhith tòiseachadh aig Fàs Mòr mar mhanaidsear. Tha manaidsearan math dha-rìribh air a bhith againn thar nam bliadhnaichean agus tha mi an dòchas gun urrainn dhomh a bhith cho math. Bha mise a-measg nan daoine a bha an sàs ann a bhith stèidheachadh Fàs Mòr, agus air sgàth sin ’s e àite uabhasach cudromach a th’ ann dhomh gu pearsanta. Agus ’s e àite cianail sònraichte a th’ ann airson na Gàidhlig agus airson eaconamaidh Shlèite, oir tha Fàs Mòr a’ toirt cothrom do phàrantan a thilleadh gu obair no foghlam. Tha e air a bhith cho snog a’ tachairt ris a’ chlann agus na pàrantan an t-seachdain-sa.”

Thuirt Cathraiche Bòrd Fàs Mòr, Flòraidh NicIllEathain: “Tha sinn glè thaingeil ann an sgìre Shlèite, gu bheil ionad cùram-chloinne cho iongantach againn air leac an dorais. Thug Fàs Mòr cothrom do mhàthraichean a dhol air ais a dh’obair, agus as eugmhais ionad mar seo, cha bhiodh cothrom ann sin a dhèanamh. Tha nise mu 80 duine cloinne clàraichte a tha a’ cur feum air an àite, agus seo na bhuannachd phrìseil do phàrantan a tha ag obair anns an sgìre, agus cuideachd do dh’fheadhainn a tha tighinn bho sgìre an Àth Leathainn. ’S e Gàidhlig a-mhàin a tha air a bruidhinn aig Fàs Mòr, agus tha cuideachadh ri fhaighinn do chlann agus pàrantan aig nach eil an cànan. Tha seo a’ toirt deagh chothrom dhan chlann ionnsachadh gu math luath! Tha sinn fìor fhortanach gu bheil luchd-obrach cho comasach is dìcheallach againn a tha coimhead às dèidh na cloinne aig Fàs Mòr gach latha. Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air Lisa Corse a thòisich a dreuchd mar mhanaidsear an t-seachdain seo.”

Tha an t-seirbheis cùram-chloinne air a cumail tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin, agus tha an t-ionad a’ toirt obair làn-thìde do thriùir luchd-obrach (a’ gabhail a-staigh dreuchd a’ mhanaidseir), agus tha dithis luchd-obrach pàirt-ùine ag obair ann.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach