Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig a’ sanasachd am brath-naidheachd seo às leth Shabhal Mòr Ostaig

Thàinig buidheann de sgoilearan, a tha ma dh’fhaoidte gu bhith nan ath ghinealach de stiùirichean is riochdairean telebhisein, cruinn còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain sa chaidh gus a’ chiad phàirt de chùrsa mheadhanan a dhèanamh, a bheir sgilean dhaibh a bhios air leth feumail do dhuine sam bith aca a tha miannachadh a dhol an sàs ann an riochdachadh telebhisein.

Tha an cùrsa, Duais Adhartais Nàiseanta (NPA) ann an Riochdachadh Telebhisein, air a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig agus bithear ga chumail ann an trì cuibhreannan thar trì diofar sheachdainean agus e a’ crìochnachadh as t-Earrach 2013.

Tha deichnear sgoilearan bho Àrd-sgoil Phort Rìgh, Àrd-sgoil a’ Phluic, Àrd-sgoil Mhalaig agus Àrd-sgoil Loch Abar a’ dèanamh a’ chùrsa agus bidh iad ag ionnsachadh mu na diofar sgilean a tha dhìth gus prògram telebhisein a dhèanamh.

Thuirt Eàirdsidh MacGilleathain, Iar-stiùiriche an Fhoghlaim: “Tha sinn cianail toilichte a bhith ag obair còmhla ris na sgoiltean agus le Comhairle na Gàidhealtachd gus an cùrsa seo a lìbhrigeadh airson a’ chiad uair. Tha e na fhìor adhbhar misneachd dhuinn gu bheil an òigridh a’ gabhail ùidh anns na meadhanan agus gu bheil Sabhal Mòr Ostaig comasach an t-eòlas agus na goireasan a th’againn a chleachdadh gus cothroman ionnsachaidh a bharrachd a chruthachadh do chlann-sgoile le Gàidhlig. A-rèir choltais, chòrd a’ chiad seachdain riutha gu mòr agus bidh sinn a’ cur fàilte orra a-rithist anns an Dàmhair gus cur ri an cuid sgilean riochdachadh telebhisein agus cothrom a thoirt dhaibh na prògraman aca a leasachadh.”

Thuirt Catrìona NicIain, Stiùiriche an Dioplòma sna Meadhanan Gàidhlig aig SMO: “Chòrd e rinn gu mòr an òigridh a bhith cuide rinn aig Sabhal mòr Ostaig. ’S e seachdain gu math trang a bh’ ann agus bha mi fhèin agus Alasdair MacAoidh ag ionnsachadh dhaibh na sgilean bunaiteach den chùrsa riochdachaidh a bharrachd air sgilean cleachdadh camara is fuaim. Bhiodh sinn an dòchas gu lean iad orra le bhith leasachadh nan sgilean aca sam àm ri teachd agus gun tig iad air adhart às dèidh dhaibh an sgaoil fhàgail gu bhith dèanamh cùrsaichean trèanaidh eile anns na meadhanan. Bheir sinn dhaibh an uair sin an cothrom as fheàrr air obraichean anns a’ ghnìomhachas.”

Tha an cùrsa air a dhèanamh suas de cheithir aonadan: a’ stiùireadh prògram aon-chamara; a’ cleachdadh camara bhidio (sgilean bunaiteach); gearradh bhidio (sgilean bunaiteach); agus a’ clàradh fuaim airson aon chamara. Thèid a’ chuid as motha den ùine aig SMO a chur seachad anns an stiùidio a’ leasachadh sgilean pragtaigeach, mar phàirt de sgioba air a dhèanamh suas de stiùiriche, neach-camara agus co-dhiù neach teicnigeach solais no neach-clàraidh fuaim. Bidh na sgoilearan a’ dol an sàs ann a bhith a’ cruthachadh prògram bhon a’ chiad bheachd-smuain gu bhith cur dreach deireannach air. Aon uair ’s gu bheil am prògram air a chlàradh, thèid a ghearradh gus a bheil e deiseil airson a shealltainn. Thèid obair nan sgoilearan fhoillseachadh aig Là Taisbeanaidh a thèid a chumail as t-Earrach an ath bhliadhna.

Tha an cùrsa seo mar phàirt den Teisteanas Nàiseanta (NC) anns na Meadhanan agus tha e cuideachd a’ seasamh leis fhèin mar thoiseach tòiseachaidh gus sgilean bunaiteach a thogail airson nam meadhanan. Chaidh a dhealbh le bhith a’ gabhail ealla ri slatan-tomhais dreuchdail nàiseanta anns na meadhanan agus cuideachd mar bhun-stèidh làidir airson tuilleadh adhartais a dhèanamh anns a’ ghnìomhachas. Chaidh an cùrsa a chur air bhonn ann am compàirteachas ri Comhairle na Gàidhealtachd is an sgioba 16+ aca gus barrachd chothroman a thoirt do dh’òigridh gus Sgilean Obrach a leasachadh sna bliadhnaichean mu dheireadh aca san àrd-sgoil. ’S e seo a’ chiad chùrsa dreuchdail a tha a’ Chomhairle air a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann Dioplòma sna Meadhanan Gàidhlig a-cheana, cùrsa làn-thìde do dhaoine a tha air an sgoil fhàgail, a chaidh a dhealbh airson luchd-trèanaidh ullachadh airson saoghal craolaidh an latha an-diugh. Tha oileanaich air an trèanadh ann an suidheachadh Gàidhlig agus ann an dòighean a’ ghnìomhachais, a’ toirt dhaibh an cothrom teisteanas aig àrd-ìre a chosnadh agus aig an aon àm eòlas fhaighinn air dreuchdan eadar-dhealaichte anns na meadhanan.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach