Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Coinnichidh sgoiltean bho air feadh Alba sa Ghearastan an ath sheachdain aig Cuairtean Deireannach Cuach na Cloinne 2012.

Tha na Farpaisean Roinneil seachad agus tha fios againn na sgiobaidhean a bhios sna Cuairtean Deireannach. ‘ S iad na sgiobaidhean a bhios a’ cluich sna Cuairtean Deireannach: Bun-sgoil a’ Bhac; Bunsgoil Lacasdail; Bun-sgoil an t-Iochdair, Bun-sgoil Phort Rìgh; Bun-sgoil Stafainn & Cille Mhoire; Bun-sgoil Chnoc-na-Creige, Baile Dhubhthaich; Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis; Roinn-sgoile Ghàidhlig a’ Ghearasdain; Bun-sgoil Sandbank agus Bun-sgoil Chrois na Cìse.

Thèid cuairtean deireannach Cuach na Cloinne 2012 a chumail air Disathairne 23 Ògmhios, a’ tòiseachadh aig 10.30m aig Raon-cluiche Àrd-sgoil Loch Abair.

’S e farpais ball-coise nàiseanta do bhun-sgoiltean Ghàidhlig na h-Alba a th’ ann an Cuach na Cloinne agus chaidh farpais na bliadhna sa a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus MG ALBA agus air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach