Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Mar phàirt den Mheòrachan Cho-obrachaidh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba thèid trì cùrsaichean dràma a chumail as t-samhradh seo. Bidh cothrom aig actairean agus daoine le ùidh ann an dràma air na sgilean cleasachd is teagaisg aca a leasachadh fo stiùir cheathrar a tha mion-eòlach air a’ ghnìomhachas.

Tha na trì cùrsaichean samhraidh seo am measg nan ciad iomairtean a bhios a’ cholaiste Ghàidhlig agus an Conservatoire a’ cur adhart gus ealain is cultar na Gàidhlig a neartachadh.

Bidh an t-Ollamh Magaidh Kinloch, an t-actar is neach-dràma SMO Artair Donald, an stiùiriche Liz Carruthers, agus an t-Ollamh Jonothan Needlands a’ teagasg nan cùrsaichean. Thèid a’ chiad chùrsa, ‘’Sàr sgilean dràma’, a chumail air an deireadh-sheachdain 9mh – 10mh Ògmhios. Thèid an dàrna cùrsa, ‘Tòiseachadh air Dràma sa Ghàidhlig’, a chumail eadar 30mh Iuchair is 3mh Lùnastal, agus thèid an treas cùrsa, ‘Teagasg Dràma tron Ghàidhlig’, a chumail eadar 6mh – 8mh Lùnastal.

Thuirt an t-Ollamh Kinloch, Iar-phrionnsapal na Conservatoire: “Tha an co-obrachadh eadar Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Sabhal Mòr Ostaig a’ leigeil leinn caochladh chùrsaichean ciùil is dràma a liubhairt. Thathar a’ leasachadh a’ cho-obrachaidh seo agus mar thoradh air sin bidh sinn a’ tairgsinn trì cùrsaichean goirid dràma am-bliadhna agus cùrsa eile ann an dràma air rèidio. Tha e na thoileachas mòr dhomh gu bheil na prògraman seo ri fhaotainn is gu bheil iad a’ riochdachadh pàirt de na h-iomairtean anns a bheil sinn an sàs, agus iad air an deasachadh airson Gàidhlig a chleachdadh gu mac-meanmnach is gu cruthachail. ’S e cànan grinn, faireachail a th’ innte is eachdraidh bheairteach na h-Alba fighte anns gach facal. Tha mòran dhùbhlain roimhpe san t-saoghal a th’ ann is sinn an dòchas gum bi an obair a tha sinn a’ tairgsinn na chuideachadh mòr ri linn glèidheadh a’ chànain agus a’ brosnachadh an dà chuid luchd-ealain is luchd-amhairc, agus a’ leigeil leinn na cothroman cruthachail a tha na lùib a thuigsinn.”

Thuirt Artair Donald, neach-dràma air mhuinntireas aig SMO, a bhios na oide air na trì cùrsaichean: “Tha mi fhìn air bhioran gu bheil Jonothan Neelands gu bhith teagasg a’ chùrsa, ‘Sàr sgilean dràma’, dhuinn. Bidh e dol air feadh an t-saoghail a’ teagasg agus tha mi fhìn coimhead air adhart ris gu mòr oir chan eil teagamh sam bith ann gun ionnsaich mi rudan ùra. Tha an cùrsa aigesan gu h-àraid airson tidsearan agus daoine a tha ag obair ann am foghlam agus e gu h-àraidh a’ ceangal a-staigh ris a’ Churraicealam airson Sàr-mhathas. Bidh e air a ruith san dà chànan agus abair cothrom do dhaoine sgilean ùra ionnsachadh. Thachair mi fhìn ri Magaidh Kinloch ann an 1987 nuair a thòisich mi air dràma aig Thèatar Òigridh na h-Alba. Tha mi fhìn air a bhith cleachdadh dòighean dràma a dh’ionnsaich mi bho Magaidh bhon àm sin! Tha Magaidh a-nis ag obair aig àrd-ìre agus tha mi cho toilichte gu bheil ùine aice an cùrsa seo a chumail. Tha an cùrsa aicese, ‘Teagasg Dràma tron Ghàidhlig’, a-rithist freagarrach airson tidsearan ach cuideachd tha e a’ togail misneachd dhaoine. Bidh Magaidh a’ cleachdadh nan dòighean-teagaisg sgoinneil aig Augusto Boal – far a bheil sinne, an fheadhainn a tha sinn a’ teagasg agus sinn fhìn, a’ coimhead air ciamar a nì sinn cho math ’s as urrainn dhuinn anns gach suidheachadh. Agus bidh mi fhìn is Liz a’ ruith an treas cùrsa, ‘Tòiseachadh air Dràma sa Ghàidhlig’. Tha Liz agus mi fhìn air a bhith teagasg sgilean dràma airson actadh thairis air 20 bliadhna. Seo an dàrna cothrom againn a bhith teagasg còmhla. Tha an cùrsa seo airson duine sam bith aig a bheil ùidh ann an dràma. Bho ìre coimhearsnachd gu ìre phroifeiseanta. Tha an cùrsa cuideachd fosgailte dha duine sam bith nach do rinn dràma riamh. Bheir an cùrsa cothrom do dhaoine sgilean actadh a bhrosnachadh cho math le bhith togail misneachd.”

Tha Alasdair MacAoidh Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid aig a’ Cholaiste fìor thoilichte gum bi na cùrsaichean seo a’ gabhail àite am-bliadhna: “Tha sinn air ar dòigh gum bi dràma mar phàirt den phrògram a th’ againn as t-samhradh a-rithist leis na cùrsaichean goirid a tha sinn a’ tabhann le taic bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba. Tha dràma air a bhith mar phàirt de bheatha na Colaiste airson iomadh bhliadhna, le luchd-cleasachd a tha aithnichte an-diugh ag obair ann an dràma Gàidhlig eòlach air a’ Cholaiste bhon ùine a bh’ aca fhèin an seo mar oileanaich air neo luchd-oide. ’S e cothrom air leth a tha seo airson daoine aig a bheil ùidh ann an dràma pàirt a ghabhail sna cùrsaichean mìorbhaileach a tha seo fo stiùir cleasaichean a tha fior eòlach air an ealain aca.”

Tha an t-Ollamh Magaidh Kinloch na h-Iar-phrionnsapal aig a’ Chonservatoire agus i air a bhith ag obair aig an ìre as àirde ann am foghlam dràma air feadh Bhreatainn bho 1994. Tha i air dràma a theagasg ann an àrd-sgoiltean is sgoiltean sònraichte; bha i na Stiùiriche Dràma ann an Ionad Ealain Ghlaschu; agus na Stiùiriche Com-pàirteachaidh aig na buidhnean dràma TAG agus Annexe. ’S ann à Tiriodh a tha Artair Donald bho thùs agus tha e air a bhith na actar proifeiseanta fad 20 bliadhna, air rèidio, an àrd-ùrlar, telebhisean agus ann am film. Tha e na Stiùiriche Ealain airson nan sgoiltean samhraidh dràma aig Fèisean nan Gàidheal, agus ’s e an Neach-dràma air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr. Tha Liz Carruthers air a bhith na stiùiriche thèatair fad 25 bliadhna. An-dràsta, tha i na neach-teagaisg air Cùrsaichean Goirid agus na neach sgrùdaidh air deuchainnean-cluiche ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba airson nan cùrsaichean BA Cleasachd agus MA Teacsaichean Co-aimsireil Clasaigeach. Tha an t-Ollamh Jonothan Needlands ag obair còmhla ris a’ Mheur Foghlaim de Chompanaidh Rìoghail Shakespeare agus tha e am measg an sgioba a tha os cionn a’ chompàirteachais teagaisg eadar an RSC is Oilthigh Warwick. Tha e air comhairle a thoirt don Riaghaltas a thaobh trèanaidh do chleasaichean tàlantach òga agus tha e na Neach-comhairle don Chomhairle Nàiseanta airson Trèanadh ann an Dràma.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na cùrsaichean cuiribh fios gu Alasdair MacAoidh air 01471 888242 no Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

A’ Chrìoch…

Fios do luchd-deasachaidh:

  • Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973 agus ’s i an aon cholaiste làn-Ghàidhlig air an t-saoghal. Tha i a’ tairgsinn farsaingeachd de chothroman foghlaim aig àrd-ìre agus na cùrsaichean uile tro mheadhan na Gàidhlig. Tha i air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar Ionad Nàiseanta airson cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha Sabhal Mòr Ostaig cuideachd na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

www.smo.uhi.ac.uk

Airson tuilleadh fiosrachaidh:

Elsie NicIllEathain, Manaidsear Margaideachd aig SMO

Post-d: Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Fòn: 01471 888215 no 01463 795300

no

Alasdair MacAoidh, Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid

Post-d: Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.     

Fòn: 01471 888242

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach